Ceistean mòra mu Sheirbheis na Slàinte

Ospadal Image copyright SPL
Image caption Thuirt Bhuidheann Sgrùdaidh na h-Alba gu bheil cùisean a' sìor fhàs doirbh dhan NHS air feadh Alba, leis cho teann 's a tha an t-airgead airson na seirbheis.

Tha aithisg bho Bhuidheann Sgrùdaidh na h-Alba air ceistean mòra a thogail mu NHS na Gàidhealtachd.

Tha an aithisg ag ràdh gun tàinig àrdachadh de mu 40% air na tha iad a' cosg air seirbheisean prìobhaideach.

Tha am bòrd slàinte an crochadh air sàbhalaidhean airgid nach eil maireannach barrachd na bòrd eile ann an Alba, agus tha iad cuideachd aig bonn na liosta a thaobh amannan feitheamh.

Thuirt an luchd-sgrùdaidh gu bheil cùisean a' sìor fhàs doirbh dhan NHS air feadh Alba, leis cho teann 's a tha an t-airgead airson na seirbheis.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cumail a-mach gu bheil iad a' dèanamh an dìcheall adhartas a thoirt air an NHS, a dh'aindeoin gearradh san taic-airgid bho Westminster.

Tha an aithisg ag ràdh ge-tà, nach urrainn dha na bùird slàinte cumail ris an aon ìre de sheirbheis ma leanas an suidheachadh a th' ann an-dràsda.

NHS na h-Alba

A rèir na h-aithisg, chan eil an NHS ann an Alba a' coileanadh an amasan a thaobh ùine feitheimh do dh'euslàintich.

Tha Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba ag ràdh gur dòcha gun tig air Riaghaltas na h-Alba an amas a th' aca air ùine feitheamh atharrachadh, leis gu bheil tuilleadh uallach a' tighinn air an t-seirbheis.

Tha an aithisg a' nochdadh gu bheil NHS na Gàidhealtachd beagan is £12m gann air an airgead a tha a dhìth orra sa bhliadhna.

Nochd an aithisg cuideachd gur e NHS nan Eilean Siar an aon Bhòrd Slàinte san dùthaich nach do rinn sàbhalaidhean mar a bha còir an-uiridh.

Leis an uallach a th' air Seirbhis na Slàinte a' fàs, tha a' bhuidheann sgrùdaidh ag ràdh gur dòcha gum feum prìomh amasan an NHS atharrachadh.

Targaidean

A dh'aindeoin oidhirpean mòra, cha do choilean an NHS ach trì a-mach às na naoi targaidean aca mu amannan feitheamh an-uiridh.

Cha deach aca a-riamh air barantas gum faigh euslaintich leigheas taobh a-staigh 12 seachdain a choileanadh.

Tha Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba ag ràdh gu bheil Seirbheis na Slàinte fo chuideam mhòr, le sluagh a tha a' fàs nas sine agus barrachd tinneasan nam measg.

Tha mar a tha buidseat na roinne air fuireach cha-mhòr aig an aon ìre fad ceithir bliadhna cuideachd air a bhith na dhùbhlan.

Tha an t-Àrd-Neach-Sgrùdaidh ag ràdh gur dòcha gum feum Riaghaltas na h-Alba gluasad air falbh bho shiostam de thargaidean, airson leigeil leotha atharrachaidhean mòra a chur an sàs.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile