Dithis gan sàbhaladh far chosta Dhùn Omhain

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Dunoon Observer
Fo-thiotal an deilbh,
Cha b' urrainn do bhàta-teasairginn Bhaile Eilidh cobhair a dhèanamh orra ri linn na droch shìde.

Chaidh cobhair a dhèanamh air dithis dhaoine às dèidh dhan gheòla aca a dhol fodha ann an Linne Chluaidh, faisg air Dùn Omhain.

Chuir am poileas fios air na maoir-chladaich 's iad air an dithis fhaicinn air CCTV, 's iad a' greimeachadh air Creagan Gantock.

Cha b' urrainn do bhàta-teasairginn Bhaile Eilidh cobhair a dhèanamh orra ri linn na droch shìde.

Chùm bàt'-aiseag sùil air an dithis dhaoine gus an deach cobhair a dhèanamh orra le heileacoptair a' Chabhlaich Rìoghail.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh