Fireannach air fhaighinn marbh an Inbhir Nis

Tha na poilis a' rannsachadh às dèidh mar a chaidh fireannach fhaighinn marbh ann an Inbhir Nis.

Chaidh an duine, aois 48, a lorg ann an sgìre Westhill sa bhaile.

Thuirt labhraiche bho Phoileas na h-Alba: "Tha rannsachadh a' leantainn agus chan eil fhios aig an ìre seo dè a thug bàs dhan duine. Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

"Cha tèid fiosrachadh sam bith eile a sgaoileadh an-dràsta."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile