Cha sheas Brown airson ceannas a' phàrtaidh

Gòrdan Brown Image copyright PA
Image caption Tha an t-seann Phrìomhaire, Gòrdan Brown, air innse nach bi e a' seasamh airson ceannas a' phàrtaidh Làbaraich ann an Alba.

Tha an t-seann Phrìomhaire, Gòrdan Brown, air innse nach bi e a' seasamh airson ceannas a' phàrtaidh Làbaraich ann an Alba, an àite Johann NicLaomainn.

Thuirt e gun chur e cùl ri poileataigs làitheil o chionn ceithir bliadhna agus nach robh sin air atharrachadh.

Thàinig buill-pàrlamaid Làbarach na h-Alba còmhla ann an Glaschu Diluain, às dèidh do cheannard Albannach a' phàrtaidh, Johann NicLaomainn, a dreuchd fhàgail aig deireadh na seachdain seo chaidh.

Tha iad air innse gur h-i ball Dhùn Bhreatainn, Jackie Baillie, a bhios a' gabhail àite Johann NicLaomainn aig Ceistean a' Phrìomh Mhinistear aig Holyrood Diardaoin.

Tagraichean

Tha an doras a-nis fosgailte do bhuill-pàrlamaid nan Làbarach, a choinnich ann an Glaschu Diluain gus tagradh a dhèanamh a bhith os cionn a' phàrtaidh ann an Alba às dèidh Johann NicLaomainn an dreuchd fhàgail.

Image copyright PA
Image caption Tha Johann NicLaomainn air a bhith na ceannard air a' Phàrtaidh Làbaraich an Alba on Dùbhlachd 2011.

Chan eil e soilleir dè an t-slighe a tha an dòigh anns an do dh'fhàg i agus na thuirt i mun deidhinn a' dol a thoirt air a' phàrtaidh a' dol air adhart.

Ach tha cuid de bhuill air innse mar-thà nach eil iad gu bhith a' seasamh mar thagraichean, ceannard eadar-amail a' phàrtaidh nam measg.

Thuirt Anas Sarwar gur ann a bhios airesan air a bhith a' ruith na farpais airson ceannas a' phàrtaidh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil obair chudromach agamsa ri dhèanamh san eadar-ama, gus dèanamh cinnteach gum fuirich teaghlach a' Phàrtaidh Làbaraich an Alba còmhla.

"Airson na trì bliadhna mu dheireadh tha e air a bhith na phrìomh amas dhomhsa an teaghlach Làbarach san RA a chumail còmhla, 's tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin cudromach san eadar-ama agus sinn a' coimhead ris an teaghlach Làbarach an Alba a chumail còmhla cuideachd," thuirt Mgr Sarwar.

Ceannard ùr

Mus bi an Taghadh Choitcheann ann ge-tà, tha am pàrtaidh ag ràdh gum bi ceannard Albannach ùr aca air an 13mh là den Dùbhlachd.

Tha Jackie Baillie, ball Dhùn Bhreatainn, gu bhith gan riochdachadh aig Ceistean a' Phrìomh Mhinistear ann an Holyrood air an t-seachdain seo.

Image caption Chan eil dùil gun seas Jackie Baillie, Jenny Marra, Anas Sarwar no Kezia Dugdale airson ceannas a' phàrtaidh Làbaraich an Alba.

Ach, tha ise air innse cuideachd nach bi i a' seasamh mar thagraiche airson ceannas a' phàrtaidh.

Cha bhi ball Lodainn, Kezia Dugdale nas mò, no Jenny Marra, 's an dithis air am meas mar fheadhainn a th' air cliù agus seasamh a chosnadh dhaibh pèin bhon thàinig iad gu Pàrlamaid na h-Alba.

Tha am BPA eile Niall Findlay ag ràdh gu bheil esan a' cur taic ri Gòrdan Brown gus a bhith na cheannard, fhad 's a tha am ball Làbarach aig Westminster, Jim Murphy, fhathast gun innse am bi esan a' seasamh mar thagraiche.

Image caption Tha cuid a' beachdachadh gur dòcha gum biodh ùidh aig Jim Murphy san dreuchd.

Ach bidh aig ceannard ùr a' phàrtaidh ri dèiligeadh lei casaidean a dh'fhàg seann cheannard a' phàrtaidh, Johann NicLaomainn às a dèidh, nuair a thuirt i gur e aon adhbhar a bha i a' fàgail, ach gu bheil Alba ga ruith mar mheur den phàrtaidh ann an Westminster.

Deasbad fosgailte

An t-Seansalair Dùbhlanach, Ed Balls: "Tha mi a' tuigsinn gu bheil i a' leigeil dheth a dreuchd agus aig amannan mar sin, bidh daoine ag ràdh an leithid. Tha mi a' smaoineachadh gur e a tha a dhìth air muinntir na h-Alba - buill a' Phàrtaidh Làbaraich, BP agus BPA, agus sluagh na h-Alba - ach guth làidir às leth nan daoine."

Am measg an fheadhainn eile a th' air a bhith bruidhinn air na th' air a bhith a' tachairt taobh a-staigh nan Làbarach Diluain, tha fear-labhairt a' phàrtaidh anns na h-Eileanan an Iar, Alasdair Moireasdan.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum Mgr Miliband agus na daoine timcheall air, feumaidh iad a bhith forail gu bheil ceithir dùthchannan anns an Rìoghachd Aonaichte agus feumalachdan eadar-dhealaichte aca. Tha sin fìor mu dheidhinn na ceithir dùthchannan; tha sin cuideachd fìor mu dheidhinn an t-siostam a th' againn ann am Breatainn taobh a-staigh a' Phàrtaidh Làbaraich.

"Feumaidh iad a bhith cus nas ciallaiche, nas sùbailte, agus forail air dè dìreach a tha tachairt anns na diofar sgìrean. Tha sinn fortanach gu bheil tòrr daoine tàlantach timcheall airson na h-obrach," thuirt Mgr Moireasdan.

Tha am pàrtaidh a' gealltainn tachartasan a chumail air feadh na dùthcha agus deasbad fosgailte a bhith ann anns an sia seachdainean a bhios air fhàgail mus tèid ceannard ùr a chur air a' phàrtaidh ann an Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile