Barrachd thubaistean air rathaidean na Gàidhealtachd

Soidhne poilis
Image caption Cha do chaill uimhir de dhaoine am beatha air rathaidean na dùthcha am-bliadhna.

Tha an àireamh de dhaoine a chaill am beatha ann an tubaistean rathaid air a' Ghàidhealtachd air a dhol suas thairis air a' bhliadhna a chaidh seachad.

Gu h-iongantach ge-tà, tha na h-àireamhan airson Alba air fad air tighinn a-nuas.

Thàinig lùghdachadh de 10% air an àireamh de thubaistean air rathaidean na h-Alba am-bliadhna, 's bha an àireamh de dhaoine a chaidh a ghoirteachadh aig an ìre as ìsle riamh - mu 11,500.

A thuilleadh air an sin, cha do chaill uimhir de dhaoine am beatha air rathaidean na dùthcha.

Àrdachadh

Air a' Ghàidhealtachd ge-tà, thàinig àrdachadh beag san àireamh de thubaistean.

Chaochail 21 duine agus chaidh còrr air 600 duine a ghoirteachadh.

Chuir an t-Àrd-Superintendent, Iain Moireach, bho Phoilis na h-Alba, fàilte air an naidheachd.

Thuirt e gu bheil adhartas ga dhèanamh, ach gu bheil slighe fhada romhpa fhathast. Dh'innis Mgr Moireach nach bi e riariachte gus an tig an là nuair nach tèid duine a ghoirteachadh, neo a mharbhadh, air rathaidean na dùthcha.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile