Cobhair ga dhèanamh air bàta-bathair

Published
image copyrightShetland Coastguard
image captionThàinig am bàta-slaodaidh èiginneach, an Herakles, à Baile na h-Eaglaise ann an Arcaibh.

Chaidh bàta-slaodaidh nam Maor-cladaich a dhèanamh cobhair air bàta-bathair a bh' air briseadh sa Chaol Arcach.

Bhris einseann an Nicola, a tha 95 meatair de dh'fhaid, feasgair na Sàbaid agus i air siubhal tron Chaol bhon ear chun iar.

Thàinig am bàta-slaodaidh èiginneach, an Herakles, à Baile na h-Eaglaise an Arcaibh an dèidh do sgiobair an Nicola bràth èiginn a chur a-mach mu 10.00f.

Tha am bàta-bathair a-nis ga toirt gu cala Scrabster.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh