Dràibhear ciontach a thaobh bàs dhithis

Air fhoillseachadh
tùs an deilbhJohn Firth / Geograph
fo-thiotal an deilbhChaill dithis am beatha san tubaist aig Ceann Loch Fìne.

Dh'aidich fireannach gur e a bu choireach ri bàs dhithis a bha ag obair còmhla ris ann an tubaist-rathaid ann an Earra-Ghàidheal sa Ghearran 2013.

Bha Raibeart Brown, 65, air cùlaibh na cuibhle an uair a thachair an tubaist air an A83 aig a' Chàrn Dubh aig Ceann Loch Fìne.

Bhuail a' bhana aige ann an làraidh às dèidh do Bhrown gabhail thairis air càraichean eile.

Chaidh dithis a bha a' siubhail còmhla ris; Scott Prior, 20, à Dùn Bhreatainn, is Marc MacColla, 24, à Alexandria, a mharbhadh san tubaist.

Chaidh Brown fhèin a ghoirteachadh.

Aig Cùirt a' Chrùin ann an Glaschu, dh'aidich Brown gur e a bu choireach 'son bàs a cho-obraichean.

Chaidh a leigeil ma sgaoil air urras gus an tèid binn air, is chaidh òrdugh a thoirt dha gun a bhith a' dràibheadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh