Taic dha ospadal ùr san Aghaidh Mhòir

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Peter Bond / Geograph
fo-thiotal an deilbhRachadh Ospadal Chinn a' Ghiuthsaich agus Ospadal Bhaile Ùir nan Granndach a dhùnadh mar phàirt den leasachdh.

Chuir Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd taic ri planaichean gus ospadal ùr do Bhàideanach is Srath Spè a thogail san Aghaidh Mhòir.

Dh'iarr iad beachd an t-sluaigh anns an t-Samhradh air ceithir làraichean is bha taic làidir ann - cha-mhòr 80% - 'son ospadal ann am Pàirce Teicneòlais a' Chàirn Ghuirm.

'S e sin an làrach a thagh am Bòrd Slàinte.

Chosgadh an leasachadh eadar £12m is £15m is dh'fhaodadh e a bhith deiseil ann an 2018.

Mar phàirt den leasachadh, rachadh na h-ospadail bheaga ann an Ceann a' Ghiuthsaich is Baile Ùr nan Granndach a dhùnadh.

Thèid an gnothach a-nise gu Riaghaltas na h-Alba airson co-dhùnadh deireannach a dhèanamh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh