Vágaveltan - Feannagan Fàrach

Feannagan Fàrach Image copyright Teàrlach Quinnell
Image caption Fillear ceapan thairis air a' bhuntàt' a tha na laighe air an fheur ghoirid le todhair uime.

Tha am buntàta air beatha dhaoine air iomall a' Chuain Shiair a dhèanamh gu math nas fhasa anns na linntean a dh'fhalbh.

Chan ann a-mhàin anns na h-Eileanan agus air Ghàidhealtachd a tha àite sònraichte aig a' bhiadh seo ann an cridheachan dhaoine.

Anns na h-Eileanan Fàrach cuideachd, tha daoine air am beò-ghlacadh leotha.

'S beag an t-iongnadh. Tha a bhith a' feuchainn ri teachd-an-tìr fhaighinn bho arbhar ann an leithid de dh'àite, doirbh dha-rìribh.

Ceap

Le leathadan casa, 's e glè bheag de thalamh a tha freagarach air arbhar fhàs, agus tha an aimsir gu math fliuch, fiadhaich gu math tric.

Dar a thàinig am buntàt', chuir daoine fàilte air, ach cha robh dùil gun gabhadh fhàs ach far an robh talamh domhain - coltach ri arbhar.

Dh'atharraich sin anns na h-1850an ge-tà. Dh'fheuch tuathanach ann an Eilean Vágar ri buntàt' a chur ann an dòigh eile, far nach robh mòran talmhainn.

Dh'obraich e, agus an-diugh 's e an dòigh as cumanta anns an dùthaich air buntàt' fhàs. 'S e faochadh mòr a bh' ann do na Fàraich.

An dèidh dhomh beagan comhairle fhaighinn bho fhear a tha ag obair na chomhairliche àiteachais anns na h-Eileanan Fàrach, chuir mise romham an dòigh seo fheuchainn am-bliadhna.

'S e Vágaveltan (achadh Vágar) a their iad ris, no Flagvelta (achadh ceapach). Theireamaidne sa Ghàidhlig 's dòcha Feannagan Fàrach ris.

Chan fheumar ach mu dhà òirleach de thalamh math dubh, gun cus gainmhich ann ach air a dheagh dhrèanadh, fhad 's a tha deagh fhàs feòir ann, às an gearrar ceap grinn.

Image caption Chan fheumar beantainn dhaibh fad an t-Samhraidh, mura tograr.

An dèidh stoc a chur air a' phìos far am fàs buntàt' as t-Fhoghair na bliadhna roimhe, bidh todhair air an talamh, agus bidh am feur gu math goirid. No faodar dìreach am feur a ghearradh goirid.

An uair sin, as t-Earrach, cuirear buntàt', mu aon troigh bho chèile ann an sreath air uachdar an fheòir, agus cuirear an uair sin todhair gallta, no todhair na bàthcha, eatorra.

A' fàgail striop mu shia òirlich de leathad far a bheil am buntàt' fhèin na laighe, feannar an uair sin ceap aig aon taobh, 20 òirleach (mu leth-mheatair) a-mach bhon loidhne, agus aon troigh (30cm) de leathad, mu dhà òirleach de dhoimhnead, fad na loidhne. Nithear an dàrna gearradh gun an spaid a bhith buileach dìreach. Bidh an uair sin an dàrna gearradh sin eadar gach buntàt' a tha na laighe.

Image copyright Teàrlach Quinnell
Image caption Dèanar cinnteach gu bheil oir nan ceapan a' tar-iadhadh, 's iad air an gearradh gu neo-dhìreach, gus solas a chumail a-mach.

Fillear an uair sin na ceapan thairis air a' bhuntàt', am feur fodha, gus am bi druim de cheapan, a' tar-iadhadh a chèile, os an cionn.

Sin e.

Bheir e beagan nas fhaide mus nochd am buntàt' tron cheap, ach nochdaidh e - maill gu math fàbharach ma tha cunnart fhathast bho reothadh.

Image caption Bidh am buntàt' gu math glan, 's gun ach feur agus todhair a bhith uime, seach talamh a stiogadh ris.

Faodar an uair sin a chumail glan fhad 's a tha am buntàt a' fàs, ach faodar cuideachd cùl a chur ris gu ruige àm an togail.

B' fhiach luchagan a chumail air falbh ma 's urrainn, oir gheibh iad cuid den bhuntàt fon cheap. Cha mhill iad cus dhiubh ge-tà.

Dar a thig àm an togail, chan eil agad ach an ceap a fhilleadh air ais gu far an deach a ghearradh, am buntàt' - a tha gu math glan - a thogail mar uighean far nid, agus an ceap a stampadh air ais sìos far an robh e roimhe. (Dèanar cinnteach an toiseach nach eil buntàt' air fhàgail sa cheap fhèin, oir bidh feadhainn a' fàs na bhroinn).

Tha an obair cura, agus an obair togail fada nas luaithe agus nas fhasa na bhith a' tionndadh na talmhainn, agus gan togail le gràp, croman no cròcan. Chan eil todhaigeadh ri dhèanamh nas motha - chan fheumar co-dhiù.

Fàsaidh feur an ath-bhliadhna air ais, agus - gu math buannachdail ann an àite gaothach - chan fhalbh an talamh leis a' ghaoith, 's e slàn, gun bhristeadh.

Do dhaoine aig a bheil croitean, ach aig nach eil cus ùine 's dòcha, dh'fhaodadh gum bi Feannagan Fàrach gu math feumail - fhad 's a tha iad deidheil air buntàt'.

Tuilleadh air an sgeulachd seo