Earrainnean Ghabhsainn a-nis rim faotainn

An crann gaoithe ann am Baile an Truiseil Image copyright Urras Oighreachd Ghabhsainn
Image caption San Dùbhlachd an-uiridh, chuir sgiathan a' chiad chrainn-ghaoithe car airson a' chiad uair agus thathas a-nis airson tòiseachadh air an dà chrann eile.

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas ceum nas fhaisge air an sgeama ath-nuadhachail aca a leudachadh bho aon chrann-gaoithe gu trì agus cothrom a-nis aig daoine earrainnean a cheannach san sgeama.

Chaidh am pàirt ùr seo den phròiseict fhosgladh gu h-oifigeil aig an deireadh-sheachdain, 's an t-urras ag amas air £600,000 a thogail.

Bu mhiann leotha na crainn ùra a bhith deiseil aig deireadh an t-Samhraidh an ath-bhliadhna.

Dh'innis fear de stiùirichean an Urrais, Tormod MacThòmais, gur e seo toiseach an dàrna phàirt den phròiseact gus trì chrainn-gaoithe a thogail ann am Baile an Truiseil.

San Dùbhlachd an-uiridh, chuir sgiathan a' chiad chrainn-ghaoithe car airson a' chiad uair agus thathas a-nis airson tòiseachadh air an dà chrann eile.

Earrainnean

"Bho thùs, am plana a bh' againn, 's e gum biodh trì chrainn ann. Mar sin dheth, tha sinn airson an t-airgead a-nis a chruinneachadh a dh'fheumas sinn airson am pròiseact a thoirt air adhart," thuirt Mgr MacThòmais.

Mar a bhiodh dùil, mar as motha a gheibhear air a thogail tro na h-earrainnean a tha seo, 's ann as lugha a bhios aca ri fhaighinn bho na bancaichean.

"Mar a tha na bancaichean an-dràsta, airgead sam bith a gheibh sinne bhuapa, tha sinn a' pàigheadh riadh air an sin - riadh gu math àrd cuideachd.

Mar sin, thathas ag iarraidh air muinntir na sgìre taic a chur ris an sgeama, le beachd gum biodh e nas fheàrr riadh a phàigheadh a-steach dhan choimhearsnachd seach dhan bhanca.

A thaobh nam buannachdan 's nan cunnartan a tha an lùib na pròiseict, thuirt Mgr MacThòmais: "Tha cunnartan leis co-dhiù, ach tha sinn a' dèanamh a-mach gu bheil barrachd bhuannachdan ann na th' ann de chunnartan.

Tasgadh

"'S e na cunnartan a th' ann, nan deadh càil ceàrr air dhòigh sam bith - chan ann idir mar na h-earrainnean an-dràsta air an 'stock market' a tha seo, tha e gu math eadar-dhealaichte ris an sin - 's tha sinne a' smaoineachadh gur e tasgadh math a th' ann dha duine sam bith a th' airson airgead a chur a-steach ann."

San leabhran a chaidh a sgaoileadh mun sgeama, thathas air sùimean eadar £250 agus £100,000 iarraidh bho dhaoine.

"Bu chaomh leinn ar targaid de £600,000 a thogail, ach nam faigheadh sinn £450,000, bhiodh sinn dòigheil gu leòr leis an sin," thuit Mgr MacThòmais.

Tha clàr-ùine gu math teann romhpa, 's iad airson tòiseachadh air a' phròiseact as t-Earrach le dùil gum biodh e deiseil ro dheireadh an t-Samhraidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile