Ceann-là coinneimh nan cumhachdan

Pàrlamaid na h-Alba Image copyright Reuters
Image caption 'S e amas Choimisein Mhic a' Ghobhainn, dèanamh cinnteach gun tèid cumhachdan a bharrachd a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba.

Coinnichidh an coimisean a tha an urra ri cumhachdan ùra aontachadh do Phàrlamaid na h-Alba airson a' chiad uair meadhan na mìos seo.

Bidh riochdairean bho na còig pàrtaidhean poileataigeach aig Holyrood a' coinneachadh ann an Dùn Èideann air 14mh an Dàmhair.

Tha dùil gun tig an Coimisean, leis a' Mhorair Mac a' Ghobhainn sa chathair, gu aonta air an t-slighe air adhart ro dheireadh na Samhna.

Foillsichidh ministearan Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte pàipear air cumhachdan ùra cìse agus cosg do dh'Alba a dh'aithghearr.

Pàipear Comannd

Thuirt an Seansalar, Seòras Osborne, gun deadh am "Pàipear Comannd" a gheall Riaghaltas na RA gum foillsicheadh iad ro dheireadh an Dàmhair, fhoillseachadh taobh a-staigh cola-deug.

Gheall ceannardan nam prìomh phàrtaidhean aig Westminster tuilleadh chumhachdan a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba nam bhòtadh muinntir na h-Alba an aghaidh neo-eisimeileachd san referendum san t-Sultain.

Thug ceannardan an SNP gun "dìoladh e" air na pàrtaidhean sin mura cùm iad ris a' ghealladh sin.

Image copyright PA
Image caption Thuirt am Morair Mac a' Ghobhainn gun robh e ag iarraidh beachdan a' phobaill a chluinntinn.

A' bruidhinn ri ceannardan gnothachais ann an Lunnainn, thuirt Mgr Osborne: "Tha argamaid air feadh nam pàrtaidhean poileataigeach gum bu chòir gum faigh Alba tuilleadh fèin-riaghlaidh a' tighinn a-mach às an referendum.

"'S urrainn dhomh innse dhuibh, an ceann beagan is seachdain, gum foillsich sinn pàipear comannd a chuireas cuid de na beachdan airson tuilleadh fèin-riaghlaidh a thaobh chìsean agus chosg do dh'Alba air beulaibh an t-sluaigh."

Thèid dreach-reachdas air cumhachdan ùra do Phàrlamaid na h-Alba fhoillseachadh ro 25mh am Faoilleach.

Ach thog an SNP aire dhaoine gu aithris sa phàipear-naidheachd an Herald, a tha ag ràdh gun tuirt ministear ann an Riaghaltas na RA gum feumadh Alba feitheamh gu 2017 airson nan cumhachdan ùra uile.

"Gheall ceannardan Westminster do mhuinntir na h-Alba air thoiseach air an referendum gun deadh cumhachdan susbainnteach agus "nas luaithe" a thoirt do dh'Alba," thuirt ceannard an SNP aig Westminster, Aonghas Robasdan.

'Chan eil an deasbad seachad'

"Nan robh Alba air bhòtadh "Bu Chòir", bha neo-eisimeileachd air tighinn taobh a-staigh 18 mìosan. Chan eil trì bliadhna a' feitheamh air cumhachdan ùra math gu leòr.

"Tha thìde aig Pàrlamaid na h-Alba na cumhachdan a bhith aice a tha a dhìth airson Alba a dhèanamh na dùthaich nas cothromaiche agus nas co-ionnain, agus dèiligeadh ris na tha ag adhbharachadh neo-ionnanachd."

Aig a' cheart àm, dh'iarr am Morair Mac a' Ghobhainn air a' phoball an cuid bheachdan air a bhith a' neartachadh fèin-riaghlaidh a chur chun a' Choimisein ron 31mh den Dàmhair, a' cleachdadh an t-seòlaidh phuist-dhealain haveyoursay@smith-commission.scot.

"Sheall an referendum gur e sluagh na h-Alba fear de na slòigh as gnìomhaich a thaobh poileataigs san t-saoghal," thuirt e.

"Chaidh an iomairt thairis air poileataigs àbhaistich, le deasbad dìoghrasach a' gabhail àite air-loidhne, aig bùird-bhìdhe, agus anns an àite-obrach.

"Ged a tha an referendum fhèin seachad, chan eil an deasbad seachad; ghluais e air adhart gu mar a bu chòir cumhachdan na Pàrlamaid Albannaich a bhith air an neartachadh taobh a-staigh na RA.

"Tha e riatanach gum bi sluagh na h-Alba an sàs gu h-iomchaidh anns a' phròiseas phoileataigeach a tha a-niste a' dol, gus an gabh an guth-san cluinntinn fhad 's a ruigear aonta a thaobh chumhachdan ùra."