Àireamh de thraoin ann an Alba air àrdachadh

Air fhoillseachadh
tùs an deilbhAndy Hay/RSPB Images
fo-thiotal an deilbhTha an àireamh de thraoin ann an Alba aig an ìre as àirde ann an co-dhiù 45 bliadhna, a rèir Chomann Rìoghail Dìon nan Eun.

Tha luchd-glèidhteachais a' dèanamh gàirdeachais agus an àireamh de thraoin ann an Alba air a dhol suas a-rithist.

Bha dragh mòr mun eun seo an-uiridh nuair a chaidh an àireamh sìos mun cheathramh cuid, a dh'aindeoin bhliadhnaichean de dh'iomairt airson dòighean-obrach fearainn a bha fàbharach dhaibh a chumail a' dol.

'S ann mu mheud calmain, ach le casan fada is gairm sònraichte a tha an traon, agus i an seo tron t-Samhradh.

A rèir cuid, tha na milleanan aca anns an Ruis, ach air taobh an iar na Roinn Eòrpa dh'fhàs iad gann.

Àrdachadh

Cha robh tuathanaich a' buain no a' gearradh an fheòir cho anmoch 's a b' àbhaist agus dh'fhàg sin nach do mhair iad ach ann an sgìrean iomallach samhail na h-eileanan.

Thòisich pròiseact o chionn còrr is 20 bliadhna gus tuathanaich agus croitearan a chuideachadh obair na talmhainn a dhèanamh air dhòigh a chuidicheadh na traoin.

Am-bliadhna, tha an cunntas àbhaisteach a rinn Comann Rìoghail Dìon nan Eun, an RSPB, a' dearbhadh gun robh 1,289 eun fireann a' gairm eadar an Cèitean agus an t-Iuchar.

Chan e a-mhàin gu bheil sin a' cur às dhan chall a chunnaiceas san àireamh aca an-uiridh, ach tha am figear sin air an tè as fheàrr ann an co-dhiù 45 bliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh