Plana NHS Roinn a' Mhonaidh

Ospadal Rìoghail Obar Dheathain Image copyright Geograph/Bill Harrison
Image caption Coinnichidh am bòrd slàinte madainn Dihaoine airson atharrachadh a thoirt air an roinn èiginnich aig Ospadal Rìoghail Obar Dheathain.

Tha plana aig NHS Roinn a' Mhonaidh airson còrr air £2m a chosg a' fastadh luchd-obrach airson roinn èiginneach Ospadal Rìoghail Obar Dheathain.

Tha seo a' tighinn às dèidh do dh'àrd-dhotairean draghan a thogail mu shàbhailteachd nan euslainteach.

Coinnichidh am bòrd slàinte madainn Dihaoine airson atharrachadh a thoirt air an roinn èiginnich aig Ospadal Rìoghail Obar Dheathain.

Tha àrd-dhoctairean air draghan a thogail mar-thà agus iad ag ràdh nach eil luchd-obrach gu leòr ann.

Leis a' phlana ùr seo, thèid 27 dreuchdan làn-ùine a chruthachadh - rud a chosgas còrr air £2m.

Am measg na thèid fhastadh, bidh àrd-dhotairean, nursaichean, luchd-taic lighichean agus luchd-rianachd.

Bidh am bòrd a' coimhead ri tuilleadh a dhèanamh anns an t-Samhain gus piseach a thoirt air dòighean-obrach na roinne.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile