Togalaichean gam milleadh ann an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh

Chaidh an t-seirbheis smàlaidh a ghairm gu teine air Sràid Chrombail mu 02:40m.
Fhuair luchd-smàlaidh ann an Steòrnabhagh smachd air teine a thòisich ann an togalach ann am meadhan a' bhaile tràth madainn Dihaoine.
Chaidh an t-seirbheis smàlaidh a ghairm gu teine ann an dà flat agus ionad maise, os cionn bùth Scottish Hydro, mu choinneimh Bhanca na h-Alba air Sràid Chrombail, mu 02:40m.
Bha ceithir einnseanan an làthair.
Fhuair an luchd-smàlaidh smachd air an teine an ìre mhath luath, ged a bha beagan iomagain orra sa chiad dol a-mach leis gun robh a' ghaoth caran làidir.
Ged a rinn an teine milleadh air a' chiad ùrlar agus rumannan air an dàrna ùrlar, cha do sgap e dha na bùithtean air a' chiad ùrlar.
Chan eil fios aig an ìre seo dè a dh'adhbharaich an teine.
Cha deach duine a ghoirteachadh.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh