Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Dàmhair 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sochairean Taigheadais

Dhiùlt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte iarrtas airson dàil air an atharrachadh anns na sochairean sòisealta an Alba gus an tig beachd an toiseach bho Choimisean a' Mhorair Mhic a' Ghobhainn air cumhachdan ùra do Holyrood. Ann an litir gu Daibhidh Camshron, thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gum fàgadh an siostam sochairean ùr nas doirbhe e smachd air sochairean taigheadais a thoirt do dh'Alba - rud a tha na Tòraidhean agus na Làbaraich a' moladh. Thuirt fear-labhairt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, nach eil iad airson buaidh sam bith a thoirt an-dràsta air obair choimisein Mhic a' Ghobhainn, agus gun lean pròiseas an Riaghaltais gus an tig fiosrachadh bhon choimisean a tha sin.

Ebola

Tha co-labhairt ann an Lunnainn an-diugh a' deasbad freagairt eadar-nàiseanta dhan èiginn leis a' ghalair Ebola air taobh siar Afraga, agus thuirt a' bhuidheann Save the Children gu bheil an galair a' sgapadh aig astar eagalach ann an Sierra Leone. Thuirt an carthannas gu bheil còig cùisean às ùr dheth a' tighinn am follais gach uair de thìde, agus nach eil na seirbheisean slàinte fiù 's faisg air dèiligeadh ris.

Càball a' Chuain Sgìth

Tha a' chompanaidh Fhraingeach GDF Suez, a bha airson tuath-gaoithe mòr a thogail ann an Leòdhas air tarraing a-mach às a' phròiseact 's iad ag ràdh gur e a' mhì-chinnt mu chàball dealain ùr eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr as coireach. Cheannaich GDF Suez Companaidh na Beinne Mòire ann an ceann a deas nan Loch bho chionn dà bhliadhna, agus plana an sin airson tuath-gaoithe anns am biodh 39 crainn. Ach tha iad a-niste a' cur cùl ris an sgeama.

Alice Gross

Leanaidh an rannsachadh an dèidh bàis an-diugh air Alice Gross. Fhuair na Poilis corp na h-ìghne, a bha 14 bliadhna de dh'aois, ann an Abhainn Trent air taobh siar Lunnainn a' bhòn-raoir. Tha Poilis fhathast a' coimhead airson duine a tha fo amharas aca, Arnis Zalkalns, a bhuineas do Latbhia agus a bha ùine anns a' phrìosan airson muirt mus do ghluais e a Bhreatainn.

Hong Kong

Thuirt Riaghaltas Shìona gu bheil làn-taic aca do dh'Àrd-Oifigeach Hong Kong, C Y Lueng, agus iomairt mhòr airson tuilleadh deamocrasaidh a' sìor-dhol air adhart. Tha luchd-iomairt ag ràdh gun gabh iad thairis togalaichean an Riaghaltais ann an Hong Kong mura fàg esan a dhreuchd ro dheireadh an là an-diugh.

Ministearan Gèidh

Ghabh an Eaglais Shaor ri dithis mhinistear agus dà choithional a dh'fhàg Eaglais na h-Alba ri linn na connspaid mu mhinistearan gèidh. Chuir Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire fàilte air coithional Steòrnabhaigh agus coithional Tairbeart na Hearadh, cho math ris an Urr. Daibhidh MacLeòid, agus an t-Urr. Ruairidh MacRath, a bha le chèile nam ministearan aig Eaglais na h-Alba air taobh siar Rois.