Cridhe an luchd-taisteil

Cridhe an luchd-taisteil Image copyright PAtrick pollock
Image caption Chaidh feansa cheart a chur timcheall air a' chridhe ann an 2013.

Tha taic Pàrlamaid na h-Alba ga sireadh 'son làrach eachdraidheil an Earra-Ghàidheal a dhìon.

Thathas ag iarraidh air comataidh nan ath-chuingean taic a chur ri iomairt gus dìon a chur air cridhe cloiche ann an Còmhghall a tha cudromach ann an cultar luchd-taisteil na h-Alba agus do mhuinntir an àite.

'S ann an achadh ri taobh an A815 a tha an cridhe is e air a dhèanamh le clachan gealla quartz.

Thathas a' smaointinn gun deach a chur ann san 18mh linn.

Pòsadh

Bha e na chleachdadh aig luchd-taisteil agus aig cuid às an sgìre fhèin pòsadh aig an làraich.

Fad iomadh bliadhna bha dragh ann nach robh an cridhe air a dhìon mar a bu chòir idir is gun ach feansa car ropach timcheall air.

Ann an 2013 chuir buidheann choimhearsnachd sa Chàrn Dubh, Here We Are, feansa cheart timcheall air agus bòrd-fiosrachaidh aig a' gheata ri taobh an rathaid mhòir.

Tha cuideachd fiosrachadh aca mun chridhe aig an ionad aca aig ceann Loch Fìne.

Thàinig airgead bho Here We Are fhèin agus bho Urras Tuath-Gaoithe a' Chlachain.

A-nise, tha boireannach Jess Smith airson dìon a bharrachd a chur air a' chridhe.

Rannsachadh

San ath-chuinge aice do chomataidh nan ath-chuingean aig Holyrood, tha i ag ràdh gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba iarraidh air Alba Aosmhor rannsachadh a dhèanamh air mar a ghabhadh an cridhe a dhìon agus a ghlèidheadh.

Tha i ag ràdh gur e dòigh a bhiodh ann urram agus spèis a shealltainn do chultar an luchd-taisteil ann an Alba.

Chuir 1,180 duine an ainm ris an ath-chuinge.

Beachdaichidh Comataidh nan Ath-chuingean air a' ghnothach Dimàirt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile