Sgeama Loch Mhùideart ga dheasbad

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Phil Crompton / Geograph
Fo-thiotal an deilbh, 'S e leasachadh a bhiodh ann air tuathanas-eisir a th' ann an Loch Mhùideart mar thà.

Thèid iarraidh air comhairlichean Gàidhealach Dimàirt cead a thoirt do phròiseact chonnspaideach a bheireadh leudachadh agus leasachadh air tuathanas-eisir ann an Loch Abair.

Tha a' chompanaidh Measan na Mara ag iarraidh 16,4000 frèim a chur air bruaichean Loch Mhùideart far am biodh iad ag arach 275 tunna de dh'eisirean.

Tha Comhairle Coimhearsnachd Àth Tharracail am measg na tha a' cur an aghaidh nam planaichean is iad a' cumail a-mach gu bheil meud an leasachaidh ro mhòr dhan sgìre.

Dragh

Tha dragh orra cuideachd mun bhuaidh air na rathaidean mun cuairt air an àite agus air àrainneachd na sgìre.

Ged a thog cuid dragh gu bheil an leasachadh faisg air làraich eachdraidheil Caisteal Tioram agus Gàrradh Eilean Seona, cha do chuir Alba Aosmhor an aghaidh nam planaichean.

Thèid an gnothach air beulaibh chomhairlichean Dimàirt is tha oifigearan a' moladh cead a thoirt dhan sgeama le cùmhnantan na chois.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh