Gainnead thidsearan na "chnap-starra"

Alasdair Allan BPA
Image caption Tha bile foghlaim ùr ga ullachadh an-dràsta.

Dh'aidich Ministear na Gàidhlig gur e cion luchd-teagaisg an trioblaid as motha a th' aig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Bha Alasdair Allan a' bruidhinn agus Chomhairle Bhaile Ghlaschu, nam freagairt do cho-chomhairleachadh an Riaghaltais, ag ràdh gum faodadh trioblaid a bhith ann le lagh a bheireadh còir dhan a h-uile leanabh air foghlam Ghàidhlig mura bi tidsearan gu lèor ann mu choinneimh sin.

"Tha puing aca, agus tha mise ag aideachadh - agus thuirt mi seo roimhe - an duilgheadas as motha a th' ann le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, chan e am foghlam an duilgheadas, ach gu bheil an t-iarrtas cho làidir 's gu obair làn-thìde aig an Riaghaltas a' dèanamh cinnteach gu bheil tidsearan ann," thuirt an Dr. Allan.

"Tha mi a' tuigsinn na puing a tha iad a' dèanamh. Ach tha an Riaghaltas agus Bòrd na Gàidhlig ag obair le tidsearan gus sin a chur ceart.

Cothroman ann an Saoghal na Gàidhlig

"Bidh Bòrd na Gàidhlig ag obair le tidsearan fa-leth agus a' bruidhinn ri daoine aig a bheil ùidh anns a' Ghàidhlig, no aig a bheil a' Ghàidhlig, a tha a' trèanadh mar thidsearan.

"Agus cuideachd tha cothroman ann a-nis airson tidsearan aig a bheil a' Ghàidhlig, ach a tha a' teagasg an-dràsta tro mheadhan na Beurla, a dhol a-steach air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Agus cuideachd tha cothroman ann, cùrsaichean airson tidsearan aig a bheil Gàidhlig agus a tha ag iarraidh earbsa anns a' chànan agus ag iarraidh misneachd.

"Tha na rudan sin ann, agus tha na h-àireamhan a' dol suas airson nan tidsearan a tha a' dol a-steach tro mheadhan na Gàidhlig.

"Ach tha mise ag aideachadh gu bheil dìth ann fhathast, agus ma tha duine sam bith ag iarraidh dreuchd mar thidsear, tha cothroman gu leòr ann tro mheadhan na Gàidhlig.

"Tha sinne ag iarraidh gum bi cothrom ann airson a h-uile teaghlaich a tha ag iarraidh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, agus air sgàth sin tha sinn a' bruidhinn mu dheidhin bile ùir airson foghlaim ann an Alba agus, bidh rudan ann an sin mu dheidhin a' chòir a tha sin.

"Ach aig an aon àm feumaidh sinn a bhith ag obair gu dìcheallach a thaobh nan duilgheadasan air a bheil Comhairle Baile Ghlaschu a' bruidhinn.

"'S e sin an cnap-starra as motha a th' ann airson foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha mi a' smaoineachadh aig an aon àm gu bheil ginealach òg a' fàs suas a-nise a bha a' dol tro mheadhan na Gàidhlig, agus a tha a' leughadh agus a' sgrìobhadh na Gàidhlig.

"Tha mi an dòchas gum bi cothroman ann anns na h-àrd-sgoiltean far a bheil sgoilearan leis a' Ghàidhlig ann, gum bi iadsan a' tuigsinn gu bheil cothroman ann an saoghal na Gàidhlig, agus gu sònraichte airson a bhith a' teagasg na Gàidhlig," thuirt e.