Casg airson sgìrean glèidhte?

Thèid moladh do làn Chomhairle nan Eilean Siar an ath-sheachdain gum bu chòir dhan ùghdarras casg deich bliadhna iarraidh air sgìrean sònraichte agus sgìrean glèidhte ùra anns na h-eileanan.

Diciadain, dh'aontaich Comataidh Leasachaidh Maireannaich na comhairle gu h-aona ghuthach ris a' moladh sin.

Thuirt Cathraiche na Comataidh, Alasdair MacLeòid, nach e turchartas a th' ann gu bheil an àireamh as motha de chomharran glèidhteachais aig na h-eileanan aig àm nuair a tha an teachd-a-steach as lugha aig an sgìre.

Bha e ag ràdh: "Tha sinne a' fàs seachd sgìth - a h-uile dhà no thrì mhìosan, thig fios bhon riaghaltas no bho na buidhnean glèidhteachas gu bheil sinn a' dol a dh'fhaighinn àiteachan sònraichte eile.

"'S e na coimhearsnachdan againn fhìn a tha a' dìon na h-àrainneachd, ach nuair a thig designations ùra a-steachd tha iad a' cur bacadh air iomadach rud.

"Chan e a-mhàin gu bheil designations againn air tìr, tha iad a-nis aig muir. Tha iad a' leudachadh fad na tìde."