Dol-a-mach mì-iomchaidh aig cunnt Inbhir Pheofharain

Bogsaichean baileat ann an Inbhir Pheofharain Image copyright Highland Council
Image caption Chaidh ceathrar a chur dhachaigh bhon chunnt ann an Inbhir Pheofharain às dèidh do dh'oifigich gearain fhaighinn bho riochdairean bho chuid de na pàrtaidhean poileataigeach.

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun deach stad a chur air cuid den luchd-obrach aca bho bhith a' cunntadh bhòtaichean an referendum agus coltas ann gun robh iad ri dol-a-mach mì-iomchaidh.

Chaidh an cur dhachaigh bhon chunnt ann an Inbhir Pheofharain às dèidh do dh'oifigich gearain fhaighinn bho riochdairean bho chuid de na pàrtaidhean poileataigeach.

Thathas a' tuigsinn gun tàinig na Làbaraich agus na Lib-Deamaich còmhla airson gearain a dhèanamh mu bhuidhinn de cheathrar luchd-cunntais a chaidh fhaicinn a smèideadh ri chèile 's a' bualadh am boisean an uair a bha bhòtaichean "Bu Chòir" gam fosgladh air a' bhòrd aca.

Thathas a' cumail a-mach cuideachd gun deach an cluinntinn ag osnaich agus a' fochaidich nuair a bha aca ri bhòtaichean "Cha Bu Chòir" a chunntadh.

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun deach gearain a dhèanamh mu aon de na sgiobaidhean aca aig a' chunntadh ann an Inbhir Pheofharain, agus air sàillibh sin gun deach an ceathrar a chur dhachaigh, le sgioba ùr a' dol nan àite.

Cha chanadh an t-ùghdarras ge-tà, an deadh an còrr pheanasan a chur orra.

Thuirt a' Chomhairle nach robh buaidh sam bith aig an seo air mar a bha Roinn na Gàidhealtachd san àite mu dheireadh ann a bhith a' foillseachadh toradh na bhòta, 's iad ag ràdh gur e tubaist rathaid mhairbhteach air an A9, ann an Gallaibh, a chuir uimhir de dhàil air cùisean.

Aig 08:15m air an 19mh Sultain, chaidh innse gun do bhòt 87,739 airson "Cha Bu Chòir" agus 78,069 airson "Bu Chòir".

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile