Teine air sabhal a sgrios faisg air Inbhir Nis

Teine
Image caption Chaidh cobhair a thoirt do dhithis aig an làraich a bh' air ceò a ghabhail air an anail.

Bha luchd-smàlaidh a' dèiligeadh ri teine mhòr thar na h-oidhche ann an sabhal air tuathanas faisg air Inbhir Nic.

Bha mu 30 luchd-smàlaidh an làthair aig an teine aig Redhil, faisg air Allt Rollaidh, a thòisich mu 3:30f Diluain.

Chunnacas an teine bhon A96 gu anmoch.

Bha trì charbadan-smàlaidh an làthair madainn Dimàirt, a' mùchadh bhadan den teine a bha fhathast a' gabhail.

Chaidh an togalach a sgrios gu tur.

Chaidh cobhair a thoirt do dhithis aig an làraich a bh' air ceò a ghabhail air an anail.