Taigh Dhùn Eun na smàl

Tha 50 luchd-smàlaidh air a bhith a' strì ri teine aig togalach a bha uair mar phàirt de dh'Ospadal Chreag Dhùn Eun ann an Inbhir Nis tron oidhche.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh na Gàidhealtachd gun deach an gairm gu Taigh Dhùn Eun, far an A82, mu 10:30f oidhche Ardaoin.

Bha cuid dhiubh fhathast an làthair, ach tha iad air làn-smachd fhaighinn air an teine a-nis.

Cha deach duine sam bith a ghoirteachadh.