Alba a' bhòtadh

Ionad bhòtaidh
Image caption Dh'fhosgail stèiseanan bhòtaidh air feadh na dùthcha aig 07:00m, agus bidh iad fosgailte gu 10:00f.

Tha Albannaich a' bhòtadh an-diugh ann an referendum air neo-eisimeileachd.

Dh'fhosgail stèiseanan bhòtaidh air feadh na dùthcha aig 07:00m, agus bidh iad fosgailte gu 10:00f.

Tha dùil gun tig toradh deireannach na bhòta eadar 07:30m agus 09:00m Dihaoine.

Bidh Radio nan Gàidheal air an èadhair fad na h-oidhche bho 10:10f Diardaoin, mar a thig na toraidhean a-steach, gu 07:00m, nuair a thòisicheas Aithris na Maidne.