Camshron, Miliband is Clegg a' cur an ainmean ri gealladh

Ed Miliband, Daibhidh Camshron agus Nick Clegg Image copyright Various
Image caption Tha ceannardan nan trì prìomh phàrtaidhean aig Westminster air an ainm a chur ri pàipear a' gealltainn chumhachdan susbainteach a bharrachd do dh'Alba.

Tha ceannardan nan trì prìomh phàrtaidhean aig Westminster air an ainm a chur ri pàipear a' gealltainn chumhachdan susbainteach a bharrachd do dh'Alba, ma thèid bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd Diardaoin.

Tha 'An Gealladh', a chaidh a shoidhneadh le Daibhidh Camshron, Nick Clegg agus Ed Miliband, a' nochdadh air duilleig aghaidh an Daily Record.

Tha trì pàirtean sa ghealltanas uile gu lèir, agus barantas gun tèid Foirmle Bharnett a ghlèidheadh.

Tha an iomairt 'Bu Chòir' ag ràdh ge-tà, gur e neo-eisimeileachd an aon dòigh airson dèanamh cinnteach gum faigh Alba gach cumhachd a tha a dhìth oirre.

Tha am pàipear, a chaidh a shoidhneadh le ceannardan nan Tòraidhean, nan Làbarach 's nan Lib-Deamach ann an Westminster, air a bhriseadh suas ann an trì pàirtean.

'Cumhachdan susbainteach ùra'

Tha a' chiad phàirt den aonta a' gealltainn "chumhachdan susbainteach ùra" do Phӑrlamaid na h-Alba, fon chlàr-ama ris an deach aontachadh le na pàrtaidhean mòra ann an Westminster roimhe.

Image copyright Daily Record

Tha an dàrna pàirt ag ràdh gu bheil na ceannardan air aontachadh gun tèid beartas na Rìoghachd Aonaichte a roinn a-mach gu cothromach, gus cothroman is sàbhailteachd a thoirt dhan h-uile duine ann an Alba agus a h-uile duine san Rìoghachd Aonaichte cuideachd.

Tha an treas pàirt ag ràdh "gu deimhinneach" gur ann aig Pàrlamaid na h-Alba a bhios smachd air mar a thèid an NHS a mhaoineachadh, leis gun cùm iad orra le Foirmle Bharnett - am foirmle a tha a' dearbhadh na tha dùthchannan na Rìoghachd Aonaichte a' faighinn de dh'airgead à Westminster, a rèir na th' aca de shluagh.

Chaidh Rùnaire Dùbhlanach nan Dùthchannan Cèine às àicheadh gun robh an gealltanas air cumhachdan air a thighinn ro anmoch san deasbad.

Thuirt Dùghlas Alexander:"An seo ann an Alba, tha sinn air a bhith a' bruidhinn mu na cumhachdan seo airson grunn mhìosan. 'S e a tha sinn ag ràdh an-diugh, gum faod a' chuid as fheàrr den dà shaoghal a bhith againn. Faodaidh pàrlamaid Albannach nas làidire a bhith againn, ach le neart, seasmhachd agus tèarainteachd na Rìoghachd Aonaichte.

"Tha an gealladh sin, gealladh gun urrainn atharrachadh nas luaithe, nas sàbhailte, agus nas fheàrr a thighinn, mar shealladh a bheir sluagh na h-Alba còmhla."

'Nas luaithe, nas sàbhailte, nas fheàrr'

Thuirt e cuideachd: "Chan eil mise den bheachd gu bheil e na adhbhar nàire poileasaidhean fhoillseachadh air duilleig aghaidh phàipear-naidheachd le beagan làithean ri dhol. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil iomairt 'Bu Chòir' a-nis a' strì.

"Thàinig na cunnartan eaconamach gu mòr am follais an t-seachdain seo chaidh agus, aig a' cheart àm, tha sinne a' tabhann atharrachadh nas luaithe, nas sàbhailte agus na fheàrr do dh'Alba."

Chan eil Mgr Alexander idir a' gabhail ri beachd 'Bu Chòir' gur e neo-eisimeileachd an aon dòigh anns am faigh sluagh na h-Alba an riaghaltas dhan do bhòt iad.

A' bruidhinn ris a' BhBC, thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon: "Ma bhathas dha-rìribh an dùil tuilleadh chumachdan a thoirt do dh'Alba, carson nach do thachair e roimhe?

"Tha Buill-Phàrlamaid Thòraidheach, Crìsdean Chope nam measg, mar-thà air a ràdh gun cuireadh iad stad air an leithid. Ma bhòtas sinn an aghaidh neo-eisimeileachd, cha bhi barantasan sam bith ann."

Chuir Ms Sturgeon às leth pàrtaidhean an Aonaidh gun robhar a' dèiligeadh ris an luchd-bhòtaidh ann an dòigh tàireil.

A' freagairt ciamar a bheireadh bhòt 'Bu Chòir' "beatha nas fheàrr" do mhuinntir na h-Alba, thuirt i: "Chan e slat-dhraoidheil a th' ann an neo-eisimeileachd, ach 's e cothrom air leth a th' ann.

"'S urrainn dhuinn beatha a leasachadh, cha thachair e ann an aon oidhche, ach tro thìde."

Dà là ri dhol

Le dà là de dh'iomairt ri dhol ron referendum, bidh aire 'Bu Chòir' air obraichean agus an NHS, fhad 's a bhios 'Nas Fheàrr Còmhla' a' gealltainn atharrachaidh agus "Breatainn nas fheàrr".

Image copyright Getty Images
Image copyright PA

Bidh an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, ann an Rinn Friù cuide ri Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, 's iadsan a' coinneachadh ri luchd-obrach einnsinnìridh.

Canaidh iadsan gur e neo-eisimeileachd a-mhàin a bheir leudachadh air eaconamaidh na h-Alba, agus a chruthaicheas obraichean is cothroman.

Coinnichidh Nicola Sturgeon an uair sin ri luchd-obrach cùraim, cuideachd ann an Rinn Friù.

Canaidh ise gur ann le neo-eisimeileachd a-mhàin a thèid dìon ceart a dhèanamh air an t-Seirbheis Slàinte Nàiseanta ann an Alba.

Aig a' cheart àm, bidh ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, agus an t-seann Phrìomhaire, Gòrdan Brown, ag iomairt airson Nas Fheàrr Còmhla.

Cuideachd a' togail air obraichean, canaidh Mgr Miliband gur e rud maireannach a th' ann an neo-eisimeileachd agus nach urrainn dhuinn a' leigeil seachad ann am bliadhna no dhà, ma 's e agus gu bheil cùisean air a dhol ceàrr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile