Iomairt air granta nan taighean-croite

Taighean-croite Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha gearainnean air a bhith ann o chionn 25 bliadhna nach eil an taic-airgid mòr gu leòr.

Tha Comhairle nan Eilean Siar gu bhith aig ceann iomairt airson àrdachadh a thoirt air an taic-airgid a gheibhear airson taighean croite a thogail.

Tha gearainean air a bhith ann bho chionn 25 bliadhna nach eil an taic-airgid mòr gu leòr.

Tha a' Chomhairle gus coinneachadh ri Rùnaire na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, a dh'aithghearr, agus bidh seo aig bàrr a' chlàr-gnothaich, còmhla ri oidhirp às ùr ath-leasachadh an fhearainn a chur air adhart.

"Saoilidh mi gu bheil Fearann Coimhearsnachd na h-Alba air an cuspar seo a chur air ais air mapa poileataigeach na h-Alba anns na bliadhnaichean a chaidh seachad," thuirt Iar-chathraiche Comataidh Leasachaidh Mhaireannaich na Comhairle, Dòmhnall Crichton.

"Tha iad air a bhith gu math dìleas is dìcheallach ag obair airson nam ball aca air feadh Alba airson na cuspairean a thaobh an fhearainn a thoirt fa chomhair an Riaghaltais.

"'S e am fearann, tha mi a' smaoineachadh, an goireas as fheàrr a th' aig coimhearsnachd sam bith, agus tha gnothach aig an Riaghaltas agus aig a' Chomhairle ri sin cuideachd airson taic a thoirt dha coimhearsnachdan a tha ag iarraidh barrachd neart agus cuideachaidh le a bhith a' cumail suas na coimhearsnachd aca, agus tha sinne a' coimhead gu sònraichte ri taigheadas croitearachd.

"Thàinig sin troimhe gu math soilleir 's gu math làidir anns a' cho-labhairt a bh' againn.

"Tha sinn ag iarraidh air an Riaghaltas coimhead a-rithist ris a' ghranta a tha seo airson barrachd taic a thoirt dhan ghinealach a tha a' tighinn.

"Tha sinn ag iarraidh gun deadh e suas gu ìre far a bheil e a' toirt cothrom dha daoine òga ann an coimhearsnachdan croitearachd dachaighean a thogail, a' toirt a-steach barrachd dhaoine gu croitearachd, agus cuideachd barrachd obair a thoirt dha gnìomhachasan gu h-ionadail.

"Tha sinne a' coimhead ris mar chothrom ar coimhearsnachdan a thogail suas. Tha sinn a' faicinn tòrr dhaoine an-diugh a' fàgail nan eileanan, agus tha sinn ag iarraidh stad a chur air sin," thuirt e.