Fiosrachadh ga shireadh mu ghoid charbad phoilis

Tha na Poilis air Ghàidhealtachd air fiosrachadh iarraidh mu thachartas faisg air Gairbh feasgar Diardaoin anns an deach carabad poilis a ghoid.

Chaidh fios air oifigearan chun a' Ghortain aig àm dinnearach, is iad air brath fhaighinn mu dhuine mu robh amharas.

Theich an duine le carbad nam Poileas fhad 's a bha iad a' feuchainn ri a chur an grèim.

Bhuail an càr ann an carbad eile aig Achadh nan Allt, beagan mhìltean an iar air Gairbh.

Thuirt na Poilis gun robh fireannach aca an grèim.