Duine ga lorg air a' Chliseam

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Richard Barrett / Geograph
fo-thiotal an deilbhChuir an duine oidhche seachad air a' Chliseam.

Chaidh cobhair a dhèanamh air fireannach a bh' ann an èiginn air a' Chliseam anns na Hearadh.

Chaidh an duine, 62, a dhìth Dimàirt, 's e na phàirt de bhuidheann a bha a' sreap na beinne.

Thòisich luchd-teasairginn iomairt mu 3.30f Dimàirt ach cha robh sgeul air an duine agus chuir e seachad an oidhche a-muigh.

Fhuair heileacoptair nam maor-cladaich lorg air mu 8.35m Diciadain agus chaidh a thoirt dhan ospadal ann an Steòrnabhagh.

Chan eil fios aig an ìre seo ciamar a tha an duine.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh