Mac an t-Saoir gu Ross County

Jim Mac an t-Saoir Image copyright SNS
Image caption Manaidsear ùr Ross County, Jim Mac an t-Saoir.

Dhearbh Ross County gu bheil iad air Jim Mac an t-Saoir fhasdadh mar mhanaidsear.

Chaidh Billy Dodds ainmeachadh mar leas-mhanaidsear.

Bidh Steafan Fearghasdan, a bha os cionn County san eadar-ama, a' fuireach aig a' chluba mar Cheannard Roinn na h-Òigridh.

Bha Queen of the South air innse mar thà gun robh Mac an t-Saoir gam fàgail gus obair Inbhir Pheofharain a ghabhail.

Duilich

Thuirt QoS gun robh iad glè dhuilich am manaidsear a chall ach gun robh iad a' tuigsinn gun robh e airson a bhith ag obair aig ìre nas àirde.

Chaidh Mac an t-Saoir fhastadh mar mhanaidsear ann an Dùn Phrìs anns an t-Samhradh 2013 às dèidh do dh'Ailean MacIain gluasad gu Cille Mheàrnaig is thug e an sgioba dha na geamaichean dearbhaidh san Championship.

Bha e roimhe os cionn Dhùn Phàrlainn gus an deach a chur às a dhreuchd ann an 2012.

Chuir Ross County Derek Adams às a dhreuchd mar mhanaidsear is iad aig bonn na Prìomh Lìge.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile