Cupa Ryder sna Hearadh

Cupa Ryder Image copyright SNS
Image caption Bha fear de na cupanan spòrs as ainmeil a th' ann a' tadhal air na Hearadh Diluain.

Chaidh Cupa Ryder dha na Hearadh Diluain mar phàirt de chuairt timcheall air Alba.

Bha turas a' chupa ann is beagan is seachdain mus tòisich Cupa Ryder 2014 ann an Gleann Eagas ann an Siorrachd Pheairt.

B' e Cluba Goilf na Hearadh a' chiad bhuidheann às na h-Eileanan an Iar a chaidh an sàs ann an sgeama ClubGolf, a tha a' brosnachadh na h-òigridh an spòrs a chluich.

Bha an sgeama ann mar phàirt den tagradh airson Cupa Ryder a thoirt do dh'Alba agus tha cha-mhòr 300,000 duine-cloinne air feadh na dùthcha air brath a ghabhail air.

Bidh Cupa Ryder aig Raoin Goilf na Hearadh ann an Scarista bho 12:45f Diluain.

Thuirt Uisdean MacIlleathain, a bha na sgiobair air a' chluba roimhe, gur e urram mòr a bh' ann dhaibh.

Bidh an fharpais a' dol air adhart aig Gleann Eagas eadar an 26mh is 28mh den t-Sultain.

Tha sgioba na h-Eòrpa a' dìon a' chupa às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air na Stàitean Aonaichte 14.5 gu 13.5 aig Medinah ann an 2012.

Bha na h-Eòrpaich air a bhith 10-4 air deireadh na bu thràithe san fharpais.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile