Brataichean na h-Alba agus Bhreatainn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sealladh nan Sasannach

5 An t-Sultain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gach madainn an t-seachdain seo, tha sinn air a bhith a' bruidhinn ri daoine ann an diofar dhùthchannan, feuch ciamar a tha iad sin a' coimhead air referendum na h-Alba.

An-diugh, 's e an dùthaich dha bheil sinn a' dol... Sasainn.

Tha Alba na teasaich le deasbad is còmhradh is fàidheadaireachd mun referendum. Ach a bheil e na chuspair mòr air clàr-gnothaich muinntir Shasainn.

Tha Susaidh Roberts na bana-Shasannach a bha iomadh bliadhna a' fuireach an Alba, gu dearbha bha i aig aon àm na tè-naidheachd aig Radio nan Gàidheal.

Tha i a-nise bho chionn grunn bhliadhnaichean air ais a' fuireach an Sasainn, ach tha a' Ghàidhlig aice cho siùbhlach 's a bha i a-riamh.