Brown a' toirt rabhadh mu fhiachan na RA

Gòrdan Brown Image copyright Reuters
Image caption Dheadh Alba a chàineadh gu h-eadar-nàiseanta mura gabhadh i a cuibhreann fhèin de dh'fhiachan na RA às dèidh neo-eisimeileachd, a rèir Ghòrdain Bhrown.

Dheadh Alba a chàineadh gu h-eadar-nàiseanta mura gabhadh i a cuibhreann fhèin de dh'fhiachan na Rìoghachd Aonaichte às dèidh neo-eisimeileachd, a rèir seann Phrìomhaire Làbaraich na dùthcha, Gòrdan Brown.

A' bruidhinn oidhche Luain, thuirt Mgr Brown gun deadh ìrean rèidh an-àirde, a thuilleadh air cosgaisean gus airgead fhaighinn air iasad.

Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air a ràdh ge-tà, nach bu chòir do dh'Alba gabhail ri fiachan dha bheil an RA air uallach a ghabhail mar-thà.

Tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta ag ràdh, ma 's e agus gum bhòt muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd an ceann beagan sheachdainean, gum biodh iad deònach cuibhreann de dh'fiachan na RA a ghabhail os làimh - sin ma gheibh iad sùim ionnan de so-mhaoin na RA cuideachd.

Gu sònraichte, dh'iarradh ministearan Nàiseantach cumail orra a' cleachdadh Banca Shasainn mar phrìomh Bhanca na h-Alba.

Ach, tha Riaghaltas na RA agus ceannardan a' Phàrtaidh Làbaraich ag ràdh nach biodh iad deònach an leithid de dh'aonadh-airgid fhoirmeil a chur an sàs.

'Slighe gu sgrios'

A' bruidhinn ann an Drochaid a' Chòta oidhche Luain, thuirt Gòrdan Brown gun deadh a mheas gun do dh'fhàilnich air Alba am fiachan a phàigheadh mura gabhadh iad ri cuibhreann de dh'fhiachan na Rìoghachd Aonaichte às dèidh neo-eisimeileachd, 's gum putadh sin ìrean rèidh agus cosgaisean iasaid suas.

Thuirt Mgr Brown gum biodh a bhith a' diùltadh fiachan a phàigheadh mar "slighe gu sgrios", 's gun robh fiù 's Zimbabwe a' gabhail ri an cuid fiachan eadar-nàiseanta.

Lean e air ag ràdh gur e "saoghal eadar-eisimeileach a th' againn" agus dh'iarr e air muinntir na h-Alba "togail air rud a tha sinn air a thogail thar na linne mu dheireadh".

Thug e cuideachd iomradh air "smuaintean Albannach" agus "ceannardan Albannach" a bh' air cuideachadh gus an RA a dhealbhadh.

Thuirt Mgr Brown gum biodh "còig rudan deimhinneach" an lùib fuireach san RA:

  • millean cosnadh "co-cheangailte ri ar ballrachd san RA"
  • £425 a bharrachd do pheinnseanairean, ri linn a bhith mar phàirt de shiostam pheinnsean na RA
  • £1 billean a bharrachd, na gheibhear bho roinn sluagh na h-Alba, airson a chosg air an NHS
  • cosgais bhith-beò nas ìsle "mar phàirt den RA"
  • cumail an Not

Gun dleastanas

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, nach biodh dleastanas sam bith air Alba neo-eisimeileach cuibhreann de na fiachan a ghabhail an dèidh bhòt Bu Chòir, mura biodh a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte deònach gabhail ri aonadh-airgid.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' cumail a-mach nach eil e comasach do dh'Alba fiachan, dha nach eil uallach orra, a dhiùltadh, ag ràdh gu bheil Riaghaltas na RA air uallach a ghabhail airson nam fiachan air fad, ma thig neo-eisimeileachd.

Nì am Prìomh Mhinistear argamaid Dimàirt gun cuireadh neo-eismeileachd gu mòr ri gnìomhachas a' bhidhe 's na dibhe gu h-eadar-nàiseanta.

Air thoiseach air cuairt gu taigh-staile ann am Fìobha, thuirt Mgr Salmond: "Tha barrachd is barrachd dhaoine a-nis mothachail gu bheil eaconamaidh làidir agus eadar-mheasgaichte aig Alba, agus le smachd air na prìomh luamhain eaconamach faodar àm ri teachd nas sealbhaich a thogail."

Bidh Rùnaire Dùbhlanach na h-Alba, Mairead Curran, agus am BPA Iain Gray aig taigh-grùdaidh ann an Glaschu gus bruidhinn mu na cothroman obrach a bhios an lùib fuireach mar phàirt den RA.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile