Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Lùnasdal 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Innsidh am Prìomh Mhinistear, Daibhidh Camhshron, do cheannardan gnothachais ann an Glaschu a-nochd gu bheil fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte a' toirt cothrom dhaibh air margaidh shingilte cho soirbheachail 's a th' ann, agus chuir 200 de cheannardan gnothachais na h-Alba an ainm ri litir ag ràdh gun toireadh neo-eisimeileachd buannachdan mòra do dh'eaconamaidh agus sluagh na dùthcha. Tha seo an dèidh litir an-dè bho 130 riochdaire gnìomhachais a' cur teagamh ann an neo-eisimeileachd.

Leachd

Cha tèid casaid air a' chompanaidh a tha a' ruith ionad-sgithidh na Leachd anns a' Mhonadh Ruadh, far an deach sianar a ghoirteachadh anns a' Ghearran an-uiridh nuair a thuit na suidheachain air 'ski-lift' mu 20 troigh gu làr. Thuirt Buidheann na Slàinte agus Sàbhailteachd gun robh an uidheamachd ann an deagh òrdugh agus air a dheagh ruith. Chaidh tuilleadh sàbhailteachd a chur an sàs bho thachair an tubaist.

Rotherham

Dh'fhàg Coimiseanair Poileas agus Eucoir cheann a deas Yorkshire, Shaun Wright, am Pàrtaidh Làbarach, ach thuirt e nach cuir e bhuaithe a dhreuchd ged a tha gearainean ann nach do dhèilig e ri casaidean mu dhrabastachd an aghaidh chloinne ann an Rotherham. Bha Mgr Wright, mar chomhairliche Làbarach, aig aon àm os cionn sheirbheisean chloinne ann an Rotherham agus chaidh maoidheadh air gun deadh a chasg bhon Phàrtaidh Làbarach.

Ugràin

Thuirt na h-ùghdarrasan ann an Donetsk, air taobh sear na h-Ugràin, gun deach 11 duine de shìobhaltaich a mharbhadh anns an t-sabaid agus feachdan an riaghaltais a' feuchainn ris a' bhaile a thoirt air ais bho na reubaltaich aig a bheil taobh ris an Ruis. Tha na reubaltaich a tha, a rèir choltais, a' faighinn taic na Ruis a' dèanamh adhartais ann an ceann an ear-dheas na dùthcha.

Ebola

Thàinig rabhadh bho àrd-oifigeach slàinte Aimearganach gum fàs sgapadh a ghalair Ebola air taobh siar Afraga nas miosa fhathast. Thuirt Tom Frieden, bho Ionad Smachd Ghalair nan Stàitean Aonaichte, gu bheil fad a bharrachd chùisean ann den ghalair air nach deach aithris fhathast. Tha ministearan slàinte Afraga ag ullachadh an-dràsta airson coinneamh mun t-suidheachadh ann an Ghana.

Bochdainn connaidh

Thuirt fear de chomhairlichean nan Eilean Siar gum feum Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs às ùr, agus gun dàil, ann an trioblaid bochdainn connaidh nan eilean. Thuirt Aonghas MacCarmaig, a tha os cionn Buidheann Gnìomh nan Eilean air Bochdainn, gu bheil èiginn ann agus aithisg bho chionn ghoirid ag ràdh gur iad na h-Eileanan Siar an sgìre as miosa air taobh siar na h-Eòrpa airson bochdainn connaidh.