Brown ag iomairt cuide ri Darling

Gòrdan Brown Image copyright Better Together
Image caption Nochd Gòrdan Brown aig ralaidh cuide ri Alasdair Darling gus iarraidh air luchd-bhòtaidh na h-Alba neo-eisimeileachd a dhiùltadh.

Tha Gòrdan Brown, a bha roimhe na Phrìomhaire, air nochdadh cuide ri Alasdair Darling gus iarraidh air luchd-bhòtaidh na h-Alba neo-eisimeileachd a dhiùltadh.

Bhiodh fathannan a' dol nach robh càirdeas ro mhath eatorra nuair a bha Mgr Darling na Sheansalair fo Mhgr Brown.

Thàinig an dithis còmhla ge-tà, gus argamaid gu bheil stàit shochairean na RA "a' tabhann barrachd dìon" do mhuinntir na h-Alba.

Aig a' cheart àm, thuirt Rùnaire Slàinte na h-Alba, Ailig Neil, gur ann le bhòt "Bu Chòir" as fheàrr a thèid NHS na h-Alba a dhìon.

Bha Mgr Brown agus Mgr Darling a' bruidhinn aig tachartas airson na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla ann an Dùn Dèagh air an dearbh là a bhios Albannaich a roghnaich bhòtadh tron phost a' tòiseachadh a' faighinn an cuid phàipearan-baileat.

'Barrachd dìon'

"Chan ann airson sealladh nàiseantach de dh'àm ri teachd na h-Alba a bu chòir dhuinn bhòtadh, ach airson sealladh tìr-ghràdhach de dh'Alba, le pàirt mhòr aice ann am Breatainn agus anns an t-Saoghal," thuirt Mgr Brown.

Thuirt e cuideachd: "Tha stàit shochairean na RA a' tabhann barrachd dìon do pheinnseanairean, do chiorramaich agus do dhaoine gun chosnadh."

Thug Mgr Brown cuideachd slaic air planaichean cìse Riaghaltas na h-Alba; nam measg, a bhith a' gearradh na cìse corparaid gu 3sg san not fo ìre na RA.

"'S iad na daoine beartach a gheibh as motha de bhuannachd à poileasaidhean cìse an SNP, seach na daoine àbhaisteach ann an Alba," bheachdaich e.

Thug Mgr Darling iomradh air Mgr Brown mar "mo dheagh cho-obraiche" fhad 's a thuirt an t-seann phrìomhaire gun robh e "fìor thlachdmhor" a bhith a' bruidhinn cuide ri ceannard Nas Fheàrr Còmhla.

Bha Mgr Darling, a bha na Sheansalair san Riaghaltas Làbarach eadar 2007 agus 2010, ag innse às dèidh làimh gun robh "eas-aonta bunaiteach" air a bhith eadar e fhèin is Mgr Brown a thaobh poileasaidh eaconamaich. Bha e cuideachd a' cumail a-mach gun do chuir e aghaidh ri ionnsaighean "meatachaidh" bho No 10.

Chaidh stad a chur air òraid Mhgr Brown, ann an Talla Marryat ann an Dùn Dèagh, nuair a chaidh neach-togail fianais a chur a-mach às an t-seòmar.

'Droch bhuil'

A' tadhail air fradhairciche ann an Glaschu, thuirt Mgr Neil gun cuireadh bhòt airson neo-eisimeileachd dìon air an NHS bho "chlàr-gnothaich phrìobhaideachaidh".

Thuirt Rùnaire na Slàinte: "Airson gach £10 a thèid a chall gu seirbheisean slàinte is poblach Shasainn, tro ghearraidhean teanntachd, prìobhaideachadh agus cosgaisean euslainteach, caillidh Alba £1 bho ar cuid buidseat fhèin.

"Tha e air a bhith na bhriseadh-dùil a' faicinn luchd-poileataigs Làbaraich ann an Alba a' feuchainn ris an luchd-bhòtaidh Albannach a mhealladh, a' cumail a-mach nach eil na Tòraidhean agus prìobhaideachadh san NHS a' cur bhuidseatan nan seirbheisean poblach ann an cunnart.

"Aig deas, tha na Làbaraich ann an Sasainn agus a' Chuimrigh a' toirt rabhaidh mun droch bhuil a bheir planaichean Westminster air an NHS."

Tha luchd-taic an Aonaidh air a dhol às àicheadh gum biodh gearraidhean ann am buidseatan slàinte fo fhoirmle Barnett.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile