Salmond: Iomairt Bu Chòir 'a' togail astair'

Alasdair Darling agus Ailig Salmond Image copyright Getty Images
Image caption Chaidh an deasbad a chumail air beulaibh luchd-amhairc de 200 duine aig Gailearaidh Ealain agus Taigh-tasgaidh Kelvingove ann an Glaschu.

Tha Ailig Salmond ag ràdh gu bheil an iomairt airson neo-eisimeileachd a' togail astair air thoiseach air referendum na h-ath-mhìos.

An dèidh deasbad na seachdain seo eadar am Prìomh Mhinistear agus Alasdair Darling, tha cunntas-bheachd air sealltainn gun robh mòr-chuid de dhaoine den bheachd gur e Ailig Salmond a shoirbhich.

Ach tha Alasdair Darling, a tha os cionn na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, air a ràdh gu bheil cunntasan-bheachd a' sealltainn gu bheil a' mhòr-chuid de dhaoine fhathast a' cur taic ri bhòt "Cha Bu Chòir" san referendum.

Tha Mgr Darling a' cumail a-mach ge-tà, gur e an iomairt acasan as motha a tha a' togail astair.

Bha Mgr Salmond agus Mgr Darling a' deasbad air beulaibh luchd-amhairc de 200 duine aig Gailearaidh Ealain agus Taigh-tasgaidh Kelvingove ann an Glaschu.

Sheall cunntas-bheachd aithghearr a rinn am pàipear-naidheachd an Guardian còmhla ris a' chompanaidh thomhais ICM, gun robh Mgr Salmond air a' chùis a dhèanamh air Mgr Darling 71% gu 29%.

Chaidh a' chiad deasbad eatorra a chraoladh air STV air an 5mh là den Lùnastal, le cunntas-bheachd, a chaidh a dhèanamh le 500 luchd-bhòtaidh, a' sealltainn gur e ceannard Nas Fheàrr Còmhla a fhuair làmh-an-uachdar 56% gu 44%.

'Togail astair'

A' bruidhinn an dèidh an deasbaid, thuirt Mgr Salmond nach robh na deasbadan telebhisein cho fìor chudromach idir.

Thuirt e: "'S e a' bhuaidh a bhios aca air ar n-iomairt as cudromaiche, 's sin ar n-armachd nach eil cho dìomhair. Tha sinn an sàs anns an iomairt as frogaile, as togarraiche, agus as iongantaiche ann an eachdraidh phoileataigeach na h-Alba.

"Tha e a' tachairt ann an tallaichean baile, bailtean, mòr-bhailtean, agus sràidean na h-Alba, agus tha a' bhuaidh a bhios aige air spiorad an luchd-iomairt air leth cudromach."

Thuirt e cuideachd: "Tha e mu bhith a' togail astair, agus tha e cuideachd mun argamaid. Thairis air na beagan làithean a tha romhainn, bidh pàipearan-bhòtaidh puist aig daoine nan làmhan. Ann am beagan sheachdainean tha daoine a' dol gu na h-ionadan-bhòtaidh gus co-dhùnadh a dhèanamh air àm ri teachd na dùthcha.

"Nuair a nì daoine sin, tha iad a' dol a bhòtaidh airson rudeigin. Chan eil iad a' dol a bhòtadh an aghaidh rudeigin."

Thuirt Mgr Salmond gun robh an iomairt Nas Fheàrr Còmhla gu mòr an urra ri na deasbadan telebhisean, leis nach eil cus aca ri ràdh nan iomairt àbhaisteach.

'A' sabaid chun an deiridh'

Tha Mgr Darling ge-tà, a' cumail a-mach gum bi an dà thaobh san deasbad "a' sabaid chun an deiridh".

Thuirt an seann Sheansalair Làbarach: "Ma bheir thu sùil air an fhianais air fad, na cunntasan-bheachd a chaidh fhoillseachadh thairis air na mìosan a dh'fhalbh, tha iad gu cunbhalach a' sealltainn gu bheil sinne air thoiseach.

"Chan eil mise somalta - faodaidh mòran tachairt ann an trì seachdainean - ach 's e sinne as motha a tha a' togail astair. Tha sinn a' dèanamh adhartas math, tha ar n-iomairt, air na sràidean, air ceum mòr air adhart a ghabhail, 's tha ar toraidhean glè bhrosnachail. Tha mise misneachail, ach chan eil mi somalta."

Thug luchd-taic nan iomairtean Bu Chòir Alba agus Nas Fheàrr Còmhla cuideachd breith air an deasbad telebhisein eadar Ailig Salmond agus Alasdair Darling.

Thuirt Blair Jenkins, a tha os cionn na h-iomairt Bu Chòir Alba, gun robh "na h-argamaidean as fheàrr" aig Mgr Salmond agus chuir e às leth Mhgr Darling gun robh esan "a' spàirn".

Tha am BP Làbarach Dùghlas Alexander ag ràdh gun do dh'fhaighnich Mgr Darling "na ceistean air a bheil freagairtean a dhìth".

A rèir àireamhan luchd-amhairc, chaidh an deasbad a choimhead air a' BhBC le 4.5 millean neach.

Diofar bheachdan

Ged is coltach gun tug gach duine buaidh ann an deasbad an urra, bheachdaich Mgr Jenkins: "Nam b' e farpais Eòrpach a bha seo thairis air dà gheama, chan eil teagamh sam bith cò bhiodh a' dol troimhe chun na h-ath ìre."

Image copyright PA
Image caption Thuirt Blair Jenkins gun robh "na h-argamaidean as fheàrr" aig Mgr Salmond.

Ged a sheall cunntas-bheachd gun do shoirbhich le Mgr Salmond ann an deasbad oidhche Luain, thuirt Mgr Jenkins nach eil sin idir na dhearbhadh air mar a bhòtas iad air an 18mh là den t-Sultain.

"Ged nach toireadh sinn buaidh air daoine sa bhad, nì iad beagan smaoineachaidh mu na chunnaic iad agus mu na chuala iad," thuirt e.

Chaidh Mgr Alexander às àicheadh gun d' fhuair Mgr Darling "slàraigeadh" agus esan a' cumail a-mach gun do dh'fhaighnich Mgr Darling "na ceistean air a bheil freagairtean a dhìth".

Thuirt e: "Thèid pàipearan airson bhòtadh tron phost a lìbhrigeadh ann an 48 uair de thìde. Chan eil fhathast soilleireachadh againn bhon Phrìomh Mhinistear a thaobh airgid, a thaobh pheinnseanan, a thaobh na h-ola, agus tha mise den bheachd nach eil iomairt Bu Chòir Alba far an robhar a sùileachadh a bhith.

"Tha sreath de cheistean gu math bunaiteach fhathast a' cur dragh orra agus na pàipearan airson bhòtadh tron phost gan sgaoileadh."

Chuir e às leth a' Phrìomh Mhinisteir gun do rinn e "tagradh iongantach, mura b' urrainn do dh'Alba toirt air Sasainn, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath a dhol a-steach a dh'aonadh-airgid, a tha cunntas-bheachd an dèidh cunntais-bheachd a' sealltainn nach eilear ag iarraidh, gun diùltadh i a cuid fiachan a phàigheadh".

Aonadh-airgid

Thuirt Mgr Jenkins: "Tha mi a' smaoineachadh gum faca daoine an-raoir, Alasdair Darling ann an èiginn 's e a' cur aghaidh air na tha riaghaltas Tòraidheach dha-rìribh a' ciallachadh do mhuinntir na h-Alba, 's e ga lorg fhèin san t-suidheachadh mhì-chofhurtail a bhith san leabaidh leis na Tòraidhean, suidheachadh a bha gu math duilich dha a dhìon.

Image caption Thuirt Dùghlas Alexander gun do dh'fhaighnich Mgr Darling "na ceistean air a bheil freagairtean a dhìth".

"Bha e a-rithist a' spàirn, 's e a' feuchainn ri innse dè na cumhachdan a bharrachd, nam biodh gin idir, a dheadh a thoirt do dh'Alba nam bhòtadh daoine, gu mì-choltach, an aghaidh neo-eisimeileachd."

Chuir Mgr Alexander a-rithist ìmpidh air iomairt Bu Chòir Alba innse dè am Plana B a th' aca a thaobh airgid, ach tha Mgr Jenkins a' cumail a-mach gun deadh aonta a dhèanamh le Riaghaltas na RA.

"Chan eil sinn dad nas fiosraichte an dèidh deasbad na h-oidhche raoir na bha sinn ro-làimh," thuirt Mgr Alexander.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile