Campas ùr Inbhir Nis

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh, 'S ann aig Beechwood - no am Faidhbhileach mar a bh' air an àite gu h-eachdraidheil - air taobh sear Inbhir Nis a tha an leasachadh. A bharrachd air dachaigh ùr do Cholaiste Inbhir Nis, bidh ionad-rannsachaidh, taigh-òsta agus goireasan spòrs an lùib an leasachaidh. Tha HIE air £25m a chur ris a' phròiseict.
Fo-thiotal an deilbh, Tha togalach ùr Colaiste Inbhir Nis aig cridhe na làraich. Bidh an t-ionad, a chosgas £50m, deiseil anns an t-Samhradh 2015.
Fo-thiotal an deilbh, Bidh àite ann airson còrr is 6,500 oileanach.
Fo-thiotal an deilbh, Tha cruth ùr-nosach air na beingean.
Fo-thiotal an deilbh, Ach tha dòighean nas traidiseanta ri fhaicinn cuideachd.
Fo-thiotal an deilbh, Chaidh lochan ùr a chruthachadh, le àite do dhaoine stad agus sealladh a ghabhail air an làraich.
Fo-thiotal an deilbh, Tha gailearaidh gun mhullach air eilean san lochan. Thathas an dòchas gun tèid cuirmean a chur air adhart an seo.
Fo-thiotal an deilbh, Faodaidh luchd-coiseachd agus luchd-baidhsagal tighinn chun na làraich air 'An Drochaid Òr', tarsainn air an A9.