Corp ga lorg ann an Rùm

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh, Chaidh iomairt-teasairginn a thòiseachadh ann an Rùm Disathairne is fear-coiseachd a dhìth sa bhaile.

Chaidh corp fireannaich a lorg ann an Eilean Rùm Didòmhnaich.

Bha na seirbheisean-èiginn air iomairt a chur air dòigh san eilean madainn Disathairne is fear-coiseachd a bha suas ann am bliadhnaichean air a dhol a dhìth.

Bha Maoir-chladaich Steòrnabhaigh, Bàta-Teasairginn Mhalaig agus Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair agus na poilis an lùib na h-iomairt.

Dhearbh na poilis oidhche Dhòmhnaich gun deach corp fireannaich a lorg air cliathach beinne is coltas ann gun robh an duine air tuiteam.

Chaidh fios a leigeil gu a theaghlach.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh