Cead do leasachadh Àird nan Saor
Chaidh cead a thoirt dhan bhuidhinn aig a bheil seann ghàradh-ola Àird nan Saor, faisg air Inbhir Narann, gus an làrach a chleachdadh a-rithist mar ionad-gnìomhachais.
Chaidh an t-seann-làrach a ghlanadh an dèidh bhliadhnaichean far an robh crainn-ola gan togail ann, gus àite a dhèanamh airson taighean ùra agus marina a thogail.
Cha do thachair sin, ri linn a' chrìonaidh eaconamaich.
'S e an dochas a-nis, gun tèid a chleachdadh airson gnìomhachas a' Chumachd Ath-Nuadhachail aig muir a fhrithealadh.
Bha 4,500 duine a' faighinn cosnaidh ann nuair a b' e Gàradh Togail MhicDhiarmaid a bh' air an làraich, suas chun nan 1980an, far an deach cuid de na clàran-ola as motha a th' anns a' Chuan a Tuath a thogail. Chaidh a dhùnadh ann an 2001.