Beachdan mu bhoireannaich 's mun BhBC an Alba

BBC Alba
Image caption Tha rabhadh aig a' Phàrtaidh Làbarach mu na dh'fhaodadh tachairt dhan BhBC an Alba ann an Alba neo-eisimeileach.

Thèid diofar argamaidean a chur air adhart Diciadain le gach taobh san deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba.

Thig rabhadh bhon Phàrtaidh Làbarach gum biodh am BBC an Alba ann an cunnart nam bhòtadh muinntir na h-Alba airson neo-eisimeileachd, le prògraman a' fulang agus obraichean gan call.

Air an taobh eile den deasbad, canaidh ministearan Albannach gum biodh iadsan deònach an lagh atharrachadh gus barrachd bhoireannach a chur ann an àrd-dhreuchdan san roinn phoblaich.

Boireannaich

Tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh gum bu chòir barrachd bhoireannach a bhith ann an dreuchdan aig àrd-ìre.

Canaidh an Riaghaltas Diciadain, nam biodh an leithid a dhìth, gum biodh iad deònach an lagh atharrachadh ann an Alba gus am biodh co-dhiù 40% de na h-àiteachan air bùird nam buidhnean-poblach air an lìonadh le boireannaich.

Thathar ag ràdh gu bheil sin a dhìth gus am biodh barrachd bhoireannach sna dreuchdan as àirde anns an roinn phoblaich.

Tha iad cuideachd a' cumail a-mach gum bu chòir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an cumhachd a thoirt do dh'Alba sin a dhèanamh sa bhad.

Anns na beagan sheachdainean a tha ri dhol ron referendum, tha dùil gum bi luchd-taic Bu Chòir agus Riaghaltas na h-Alba ag amas gu sònraichte air boireannaich.

Le fianais air sealltainn nach eil boireannaich cho buailteach bhòtadh airson neo-eisimeileachd, thathar a' creidsinn, ma 's urrainn dhaibh toirt orra sin a dhèanamh, gur e sin aon de na dòighean as fheàrr dhaibhsan a' chùis a dhèanamh air an là.

Am BBC

Air an taobh eile den deasbad, tha rabhadh aig na Làbaraich mu na dh'fhaodadh tachairt dhan BhBC ann an Alba neo-eisimeileach.

Tha Rùnaire Dùbhlanach na h-Alba, Mairead Curran, air càineadh a dhèanamh air plana an riaghaltais, mar a tha e a' nochdadh anns a' Phàipear Gheal, airson craoladh ann an Alba neo-eisimeileach.

Fon phlana sin, dheadh craoladair poblach ùr a stèidheachadh ann an Alba a bhiodh a' cleachdadh ghoireasan a' BhBC agus a bhiodh ag obair còmhla ris a' BhBC, a rèir Riaghaltas na h-Alba.

Tha Mairead Curran ag ràdh ge-tà, gum biodh sin a' fàgail gun deadh "goireas luachmhor a bhriseadh an-àirde".

Bheachdaich i nach biodh sin idir ceart agus gun toireadh e droch bhuaidh an dà chuid air an luchd-obrach agus an luchd-amhairc.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' dol gu tur às àicheadh sin, ag ràdh gun obraicheadh e glè mhath.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile