Mì-thoileachas mu cheannas Sgoil Dhalabroig

Sgoil Dhalabroig
Image caption Cho-dhùin an neach-teagaisg a bha a' Chomhairle an dùil a chur san dreuchd, gun a gabhail.

Chaidh aonta mu cheannard eadar-amail airson Sgoil Dhalabroig atharrachadh goirid mus do dh'fhosgail an sgoil a-rithist air an t-seachdain seo chaidh.

Tha e air tighinn am folais gun do cho-dhùin an neach-teagaisg a bha Comhairle nan Eilean Siar an dùil a chur dhan dreuchd gun an obair a ghabhail.

A-nis tha aon de thidsearan na sgoile a' tilleadh tràth far fòrlaidh mhàthaireil airson an dreuchd a ghabhail san eadar-ama.

Chan eil Raghnall MacFhionghain, fear de chomhairlichean na sgìre idir toilichte le mar a chaidh dèiligeadh ris a' chùis.

"Thuirt iad gun robh an ceannas co-roinnte seo gus a bhith ann. Dè chaidh ceàrr," thuirt e.

"Bha fad an t-Samhraidh aca airson seo a chur ceart.

"Chan eil mise cinnteach dè thachair. Tha fhios agam ann an àiteachan eile gu bheil an ceannas co-roinnte seo aca air sàilleibh cion-airgid, ach chan eil sin ceart.

"Tha corra bhliadhna a-nis nach robh duine ceart againn an Dalabroig. Tha mi ag ràdh "ceart" ach duine a bh' anns an t-suidheachadh airson deagh ghreis, airson Sgoil Dhalabroig a thoirt air aghaidh.

"'S mar a tha mi ag ràdh, 's e a' chlann bhochd a tha a' call a-mach.

"Chan eil e ceart. Chan eil mi toilichte idir idir mu dheidhinn."

Chuir am BBC ceistean mun t-suidheachadh gu Comhairle nan Eilean Siar ach cha d' fhuaireadh freagairt bhuapa fhathast.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile