£1m a bharrachd dha MG ALBA

Tony Kearney Image copyright Joe Breslin
Image caption Choisinn an dràma Dà Là san Dàmhair duais aig Fèis nam Meadhanan Cheilteach am-bliadhna.

Gheibh a' chompanaidh chraolaidh MG ALBA £1m a bharrachd bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte thairis air an dà bhliadhna ri thighinn.

Thàinig an naidheachd agus Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, a' tadhal air Leòdhas Dimàirt.

'S e dùblachadh a tha seo air an t-airgead a tha an Riaghaltas a' toirt seachad, 's iad air £1m a ghealltainn an-uiridh do chraoladh Gàidhlig eadar 2014 is 2016.

"'S e pàirt cudromach de dhualchas na dùthcha seo a th' ann an Gàidhlig, 's tha e iomchaidh gum bu chòir do Riaghaltas Westminster taic a thoirt seachad," a rèir Mhgr Alexander.

"A' chuid as fheàrr"

"Tha seo a' sealltainn mar a tha a' chuid as fheàrr de gach saoghal aig Alba, mar a tha gualainn fharsaing Bhreatainn a' dol còmhla ri fèin-riaghladh do dh'Alba gus an gabh airgead poblach a chosg far a bheil feum air," tha e ag ràdh.

Rinn Àrd-Stiùiriche MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul, toileachas ris an taic-airgid.

"Tha MG ALBA air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba an-dràsta, ach tha craoladh air a riaghladh le Riaghaltas Lunnainn, agus tha MG ALBA gu h-àraidh air a riaghladh le Ofcom anns an Rìoghachd Aonaichte.

"Tha BBC ALBA cuideachd a' coileanadh dleastanas no uallach a tha a' tuiteam air an Rìoghachd Aonaichte fon chàirt Eòrpaich airson nam mion-chànain - leis an sin, tha ceangal aig Riaghaltas Lunnainn agus tha dleastanas orra airson nan craoladairean mion-chànan.

"Ann an dòigh bha BBC ALBA air àite a chosnadh ann an saoghal nan craoladairean agus bha daoine ag aithneachadh gun robh an seanal a' dèanamh fìor dheagh obair, ach cha robh an t-airgead air a bhith a' gluasad bho thòisich an seanal is bha sin a' tòiseachadh ri cuideam mòr a chur air gnothaichean.

"A bharrachd air an sin, bha sinn a' faicinn gun robh tuill mhòra sa chlàr againn, gu h-àraidh airson luchd-amhairc na Gàidhlig - mar dràma, mar eisimpleir.

Uallach

"Chuir sinn na h-argamaidean sin air adhart, ag ràdh gun robh an seanail airidh air am barrachd taic, agus gun robh uallach air an Riaghaltas a bhith gar cuideachadh," thuirt e.

Thuirt Mgr Caimbeul gur ann dha daoine eile a tha e measadh dè an gnothach a th' aig an naidheachd ris an referendum air neo-eisimileachd na h-Alba.

"Mar a tha sinne ga fhaicinn, tha e a' sealltainn gu bheil aonta ann gu poileataigeach, ge bith dè an dath a th' ort gu poileataigeach, no càite bheil thu san Rìoghachd Aonaichte, chan eil duine den luchd-poileataigs ann am pàrtaidh sam bith, no ann an Lunnainn is Dùn Èideann, ach a' toirt taic dhan t-seanal agus do chraoladh Gàidhlig," thuirt e.

Dh'innis e gun toir an t-airgead cothrom dhan t-seanal barrachd a dhèanamh a thaobh dràma, agus cuideachd a thaobh phrògraman dhan òigridh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile