Ceist mun t-seirbheis smàlaidh

Teine
Image caption Tha Màiri Scanlon ag iarraidh fiosrachadh air dè cho luath sa tha Seirbheis Smàlaidh na h-Alba a' dol gu teintean ann an sgìrean dùthchail

Sgrìobhaidh am Ball-Pàrlamaid Gàidhealach, Màiri Scanlon, gu Seirbheis Smàlaidh na h-Alba 'son fiosrachadh fhaighinn air mar a tha iad a' dèiligeadh ri suidheachaidhean èiginneach ann an sgìrean dùthchail.

Chaidh an t-seirbheis nàiseanta a stèidheachadh sa Ghiblean 2013 is na h-ochd feachdan sgìreil a bh' ann gan cur còmhla.

Tha am ball-liosta Tòraidheach ag ràdh gun d' fhuair i fiosrachadh nach eil an t-seirbheis ùr a' faighinn gu teintean ann an cuid de sgìrean cho luath 's a bu chòir.

Dh'iarr i mìneachadh bho Riaghaltas na h-Alba ach chaidh innse dhi gum feumadh i freagairt fhaighinn bhon t-seirbheis fhèin.

"S e bristeadh dùil a th' ann nach robh fios aig an Riaghaltas dè cho luath 's a tha an t-seirbheis a' freagairt ghairmean èiginn is gum feum mi a-nise a' cheist a chur air an t-seirbheis iad fhèin," thuirt i.

Dragh

Thog i dragh cuideachd nach dèan Buidheann Sgrùdadh na h-Alba rannsachadh air obair na seirbheis ùir gu an ath-bhliadhna.

Rinn a' bhuidheann-sgrùdaidh aithisg air an t-seirbheis phoilis nàiseanta mar thà.

Chuir an comhairliche Leòdhasach, Tormod MacLeòid - a bha uair na bhall den t-seann bhòrd-smàlaidh aig tuath - taic ris an iarrtas.

"Thathas a-nise bliadhna agus ceithir mìosan bho thòisich an t-seirbheis ùr agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cudromach gum bu chòir sgrùdadh a bhith air a dhèanamh agus gun toireadh sin comhfhurtachd chan ann a-mhàin dhaibh fhèin agus dhan Riaghaltas, ach dha na daoine dham bheil iad a' toirt seachad na seirbheis, sin na coimhearsnachdan air feadh Alba gu lèir.

"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil sin cudromach is gum bu chòir dha sgrùdadh a bhith air a dhèanamh," thuirt e.

Thuirt fear-labhairt bho Seirbheis Smàlaidh na h-Alba gu bheil iad ag obair gu cruaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil iad a' faighinn gu suidheachaidhean èiginneach cho luath 's a ghabhas, is gu bheil iad a' coileanadh nan diofar iarrtasan a tha anns gach sgìre.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile