Coinneamh mun iasgach am measg smachd-bhannan

Bàt-iasgaich
Image caption Chuir an Ruis casg air biadh às iomadh dùthaich ri linn smachd-bhannan.

Tha Ministear nan Cùisean Dùthchail Richard Lochhead a' coinneachadh ri iasgairean agus feadhainn eile a tha an sàs anns a' ghnìomhachas ann an Ceann Phàdraig Dihaoine.

Tha iomagain ann mun bhuaidh a bhios aig a' chasg a chuir an Ruis an sàs air an iasgach ann an Alba, mar thoradh air smachd-bhannan co-cheangailte ris an Ugràin.

Bidh Alba a' cur 45m tunna de bhiadh 's de dheoch dhan Ruis a h-uile bliadhna.

Dh'fhoadadh gur e gnìomhachas an rionnaich, luach £16m anns a' bhliadhna, as motha a dh'fhuilingeas.

Tha Mgr Lochhead a' coinneachadh ri Rùnaire Àrainneachd na Rìoghachd Aonaichte, Elizabeth Truss, a thuilleadh air iasgairean is luchd-giollachd ann an Ceann Phàdraig.

Tha Elizabeth Truss air a ràdh ron a seo nach eil casg na Ruis idir cothromach.

Tha Mgr Lochhead mar tha air plana fhoillseachadh airson an gnìomhachas a chuideachadh.

Tha an dà riaghaltas a' gealltainn gun obraich iad còmhla gus margaidhean eile a lorg.