Cairtean-bhòtaidh gan sgaoileadh

Cairtean-bhòtaidh Image copyright PA
Image caption Bheir na cairtean fiosrachadh do dhaoine a tha clàraichte airson bhòtadh mu àiteachan-bhòtaidh agus ciamar a bhòtas iad.

Tha còrr is ceithir millean cairt-bhòtaidh gan cur gu luchd-bhòtaidh ann an Alba an t-seachdain seo, air thoiseach air an referendum air neo-eisimeileachd air an 18mh là den t-Sultain.

Bheir na cairtean, a thèid a chur air falbh Diardaoin 's Dihaoine, fiosrachadh do dhaoine a tha clàraichte airson bhòtadh mu àiteachan-bhòtaidh agus ciamar a bhòtas iad.

Chuir an t-Àrd-Oifigear Cunntais, Mary Pitcaithly, ìmpidh air daoine aig a bheil cead bhòtaidh dèanamh cinnteach gu bheil iad clàraichte.

Chaidh an aois bhòtaidh àbhaisteach - 18 bliadhna de dh'aois - ìsleachadh gu 16 airson an referendum.

Thuirt Ms Pitcaithly: "'S iad a-mhàin daoine a tha clàraichte airson bhòtadh, agus a tha 16 bliadhna de dh'aois no nas sine air là an referendum, a tha ceadaichte bhòtadh agus, mar sin, tha e cudromach gun dèan gach neach a th' airson pàirt a ghabhail cinnteach gu bheil am fiosrachadh aca ceart air a' chlàr-bhòtaidh.

"'S maithte gum b' fhiach beagan ùine a chur seachad gus dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh agad ceart air a' chlàr, gu h-àraidh ma tha do sheòladh dachaigh air atharrachadh o cionn ghoirid."

Bu chòir iarrtasan airson a' chlàr-bhòtaidh a bhith aig oifisean-clàraidh an taghaidh ro mheadhan-oidhche air an 2na là den t-Sultain, agus bu chòir iarrtasan airson bhòtadh sa phost no tro neach-ionaid a bhith a-staigh ro 5:00f air an 3mh là den t-Sultain.

Aig toiseach an Lùnastail, bha 4,166,683 luchd-bhòtaidh clàraichte air a' chlàr-bhòtaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile