Barrachd buaidh aig "Talamh Fhiadhaich"

Mapa SNH Image copyright SNH
Image caption Tha dà sgìre anns na h-Eileanan Siar air an comharrachadh mar Thalamh Fhiadhaich.

Sheall aithisg a chaidh a sgrìobhadh do Chomhairle nan Eilean Siar gun toir sgìrean "Talamh Fiadhaich" barrachd buaidh air leasachaidhean na bha dùil an toiseach.

Dh'fhoillsich Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) mapa san Ògmhios a tha a' sealltainn còrr is 40 àite a dh'fhaodar a chomharrachadh mar Thalamh Fhiadhaich.

Tha mòran de na sgìrean sin air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Anns na h-Eileanan an Iar, tha dà sgìre air a' mhapa - Beanntan na Hearadh agus Ceann a Deas Leòdhais ann an aon sgìre, agus Taobh Sear Uibhist a Deas.

Tha cuideachd an Cuilthionn, agus na beanntan mu Loch Bhracadail san Eilean Sgitheanach air an comharrachadh, a thuilleadh air a' chuid mhòr de na beanntan air costa an iar Tìr Mòr na Gàidhealtachd.

Thuirt SNH aig an àm, nach biodh cus buaidh aig an sin, agus nach e sgìrean glèidhte foirmeil a bh' ann, 's gun robh iad ann dìreach gus beagan stiùiridh a thoirt do luchd-dealbhachaidh gus na seallaidhean agus an àrainneachd a dhìon.

Cothroman leasachaidh

Chaidh an aithisg a sgrìobhadh le Roinn Leasachaidh na Comhairle, le sùil air dealbhachadh agus an seasamh a th' aig na sgìrean de Thalamh Fhiadhaich.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil cothroman leasachaidh ann, ach glè bheag dhiubh.

Ged a bhios cuid de rudan ceadaichte, feumar dearbhadh gu soilleir nach robh e a' dol a dhèanamh càil de chron air an àrainneachd no air na seallaidhean.

Feumaidh pròiseact sam bith cuideachd sealltainn mar a chuireas e ri nàdar agus cruth na sgìre, mar a tha e air a mhìneachadh le SNH air a' mhapa.

Tha an aithisg ga dhèanamh soilleir nach gabhadh tuathan-gaoithe mòra a thogail sna sgìrean sin, ach gur dòcha gum biodh e comasach feadhainn bheaga a chur suas, a-rithist le riaghailtean gu math cruaidh.

Tha an aithisg cuideachd ag ràdh gun robhas a' beachdachadh air grunn sgìrean eile cuideachd, nam measg Ceann a Tuath Leòdhais agus Mòinteach Bharabhais.

Ach is coltach nach deach gabhail ri sin, ri linn na chaidh de mhòine a bhuain san sgìre, a bha a' fàgail nach biodh e iomchaidh a chomharrachadh mar Thalamh Fhiachaich.

Nuair a chaidh mapa SNH fhoillseachadh an toiseach, bha ceistean gan togail carson a chaidh ullachadh.

"Uallach susbainteach a bharrachd"

Am measg na bha a' togail an guth bha Coimisean na Croitearachd, agus Fearann Coimhearsnachd na h-Alba.

Bha iadsan ag ràdh le chèile gun robh uair ann a bha cuid de na sgìrean a th' air an comharrachadh làn dhaoine, agus gun robh fhathast daoine a' cleachdadh nam beanntan mar thalamh ionaltraidh agus eile.

Nochd beachd aig an àm gum bu chòir a bhith a' coimhead ri mar a ghabhas na sgìrean sin a thoirt beò a-rithist, seach a bhith a' cur tuilleadh bhacaidhean air oidhirpean dhaoine.

Bidh co-dhùnaidhean dealbhachaidh fhathast an urra ri comhairlean, ach tha an aithisg ga dhèanamh soilleir gum feum iad riaghailtean gu math teann a leantainn.

Tha aithisg na Comhairle ag ràdh gum bu chòir gur ann an urra ri comhairlean ionadail a bha co-dhùnaidhean a thaobh nan sgìrean a dheadh a chomharrachadh mar Thalamh Fhiadhaich, ach nach deach gabhail ris a' bheachd sin, agus gun deach fhàgail ann an làmhan SNH.

Thuirt SNH, a thaobh tuathan-gaoithe, leis gu bheil co-dhùnaidhean dealbhachaidh fhathast an urra ri comhairlean ionadail, gum biodh iad an dùil gum biodh e na bu dhuilghe do thuathan-gaoithe cead fhaighinn ann an sgìrean de Thalamh Fhiadhaich, a rèir nan riaghailtean mu buaidh air an àrainneachd agus seallaidhean.

Thuirt iad cuideachd nach robh mòran den talamh a chaidh a chomharrachadh freagarrach airson tuathan-gaoithe air adhbharan fiosaigeach, teicnigeach agus eaconamach.

Ri linn sin, thuirt iad: "Fhad 's a dh'fhaodadh gum bi cuid de bhacaidhean an lùib a bhith a' dìon na maoin cudromaich a tha seo, chan eileas ga fhaicinn mar uallach susbainteach a bharrachd."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile