Piseach a' tighinn air suidheachadh ionmhais

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption 'S e Ospadal an Ràthaig Mhòir, an ospadal an motha air a' Ghàidhealtachd, as motha a thèid thairis air a' bhuidseat aca.

Tha NHS na Gàidhealtachd air a ràdh gu bheil figearan a thèid fhoillseachadh sna seachdainean a tha romhainn a' dol a shealltainn gu bheil cùisean aca air ais - no nas fhaisge - air mar a bu chòir dhaibh a bhith.

Trì mìosan an dèidh do bhuidseat na bliadhna seo a bhith air a stèidheachadh, bhathar an dùil a bhith £15.6m thairis air buidseat aig deireadh a' Mhàirt.

Ann an aithisg a chaidh air beulaibh a' bhùird stiùiridh, thuirt Stiùiriche an Ionmhais, Nick Kenton, gun robh an suidheachadh "na fhìor dhragh dha".

Ach, thuirt e cuideachd gun tèid aca air na leabhraichean a chothromachadh ro dheireadh na bliadhna ionmhais.

Aig coinneimh Dimàirt, chaidh innse dhan bhòrd gun robh na figearan ùra nan dearbhadh gun robh piseach air a thighinn air cùisean.

Dh'innis Mgr Kenton roimhe gur e Ospadal an Ràthaig Mhòir, an ospadal an motha air a' Ghàidhealtachd, as motha a thèid thairis air a' bhuidseat aca - mu £10.5m thairis.

Am measg nan rudan a tha a' cur cuideam air sporran an Ràthaig Mhòir, tha iomairtean a thaobh liostaichean feitheimh, sgrùdaidhean a thaobh nursaidh, agus an àireamh de dhotairean locum a tha gam fastadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile