71% sna h-Eileanan Siar ann am bochdainn connaidh

Gas Image copyright Science Photo Library
Image caption 'S e na h-Eileanan an Iar an t-àite as miosa ann am Breatainn a thaobh bochdainn connaidh.

Tha mun deicheamh cuid de dhachaighean nan Eilean Siar a' cosg còrr is 30% den teachd-a-steach aca air connadh.

A rèir na buidhne TEAS, tha 11% de dhachaighean na sgìre san t-suidheachadh sin - uimhir 's gun robh aca ri ìre ùr de bhochdainn connaidh a chruthachadh air an son.

Tha e air a mheas gu bheil taigh ann am bochdainn connaidh ma 's e is gu bheil na daoine a tha a' fuireach ann a' cosg còrr is 10% den teachd-a-steach aca air connadh gus an taigh a chumail blàth.

'S e na h-Eileanan an Iar an t-àite as miosa ann am Breatainn a thaobh bochdainn connaidh, le 71% de dhachaighean na sgìre san t-suidheachadh sin, an coimeas ri 27% san dùthaich san fharsaingeachd.

Seann taighean

Thuirt Cathraiche Comataidh Taigheadais Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod MacLeòid, a bha an sàs ann an taigheadas fad bhliadhnaichean: "Tha e a' sealltainn a-nise dhan mhòr-shluagh nan duilgheadasan a th' ann, anns na h-Eileanan an Iar, le cosgaisean connaidh, agus chan ann càil nas fheàrr, a rèir coltais, a tha sin a' dol."

Tha a' Chomhairle, tro Riaghaltas na h-Alba, air milleanan notaichean a chosg a' feuchainn ri taighean a dhèanamh nas seasgaire.

Ged a tha sin ag obair gu ìre, tha an àireamh de sheann taighean sna h-Eileanan na duilgheadas, le cosgais mhòr an lùib na taighean sin a dhèanamh an-àirde gu ìre 's gum faighear air teas a chùmhnadh annta.

Leis gu bheil na h-uiread de sheann dachaighean, leithid taighean-croite, sna h-eileanan, thuirt e gur e còmhdach air na ballachan a-muigh a nì diofar do dhaoine - a thaobh blàths agus airgid.

Ionmhas

Thuirt Mgr MacLeòid: "Tha a' Chomhairle ag obair fad na tìde, a' feuchainn ri ionmhas a tharraing a-steach dha na h-Eileanan."

Thuirt e gu bheil a' Chomhairle taingeil airson an t-airgead a fhuairear bhon Riaghaltais thairis air na bliadhnaichean, ach gu bheilear iomagaineach gu bheil iad a-nis a' gearradh bhuidseatan a h-uile bliadhna.

An dèidh na chaidh fhoillseachadh le TEAS, thuirt Mgr MacLeòid gum feum a' Chomhairle leantainn orra a' bruidhinn ris an Riaghaltas gus sealltainn dhaibh cho mòr 's a tha na figearan a thathas a' faighinn sna sgrùdaidhean.

Thuirt e gur e cùis shònraichte a th' aca sna h-Eileanan an Iar.

"Mura tèid na dachaighean a dhèanamh dìonach, tha seo gu bhith romhpa gu bràth tuilleadh," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile