Plana mu chosnaidhean ga fhoillseachadh

Iain Swinney Image copyright PA
Image caption Tha Rùnaire Ionmhas na h-Alba, Iain Swinney, den bheachd gun deadh obraichean a chruthachadh fon phlana.

Dh'fhoillsich Rùnaire Ionmhas na h-Alba, Iain Swinney, plana airson neo-eisimeileachd anns a bheil 10 puingean, le aire gu sònraichte air cosnaidhean a chruthachadh.

Thuirt e gun toireadh bhòt airson neo-eisimeileachd san t-Sultain cothrom togail do dh'Alba, le bhith a' glèidheadh smachd air cìsean agus poileasaidh eaconamach.

Thuirt Mgr Swinney "nach e slat-draoidheachd" a th' ann an neo-eisimeileachd, ach gum biodh e a' ciallachadh gum biodh e comasach phoileasaidhean a dhèanamh nas freagarraiche do dh'fheumalachdan na h-Alba.

Thuirt taobh an Aonaidh "nach eil creideas sam bith" aca ann am planaichean an SNP gus an tèid ceistean a fhreagairt mu shiostam an airgid ann an Alba neo-eisimeileach.

Tha na prìomh phàrtaidhean aig Westminster uair is uair air a ràdh nach cuir iad taic ris a' phrìomh roghainn aig Riaghaltas na h-Alba, 's e sin aonadh-airgid foirmeil a bhith eadar Alba neo-eisimeileach agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte.

Ach tha ministearan Holyrood a' cumail a-mach gum biodh am plana acasan gu maith a h-uile duine.

Air thoiseach air a' bhòt air an 18mh là den t-Sultain, thuirt Mgr Swinney: "Chan e slat-draoidheachd a th' ann an neo-eisimeileachd, ach tha am plana a dh'fhoillsich sinn an-diugh a' sealltainn mar a dh'fhaodadh riaghaltasan a tha os cionn Alba neo-eisimeileach san àm ri teachd poileasaidh eaconamach atharrachadh gus prìomhachas a thoirt do bhith a' cruthachadh obraichean agus togail a thoirt dhan roinn chosnaidh san ùine fhada.

"Leis na poileasaidhean ceart stèidhichte bhiodh e comasach dhuinn làn-chosnadh a choileanadh - a' toirt buannachd agus brosnachaidh do ar gnìomhachasan gus tuilleadh agus obraichean nas fheàrr a chruthachadh ann an Alba."

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an fiosrachadh a leanas mun phlana 10-puingean:

  • Tòisichidh 30,000 neach air preantasachd gach bliadhna ro 2020
  • Thèid brosnachadh a thaobh chìsean mu choinneimh ghnìomhachasan gus toirt orra a bhith stèidhichte ann an Alba, nam measg gearradh de 3% sa chìs chorporra
  • Thèid fastaichean agus aonaidhean a thoirt còmhla gus tarbhachd a leasachadh
  • Thèid roinnean gnìomhachais a tha comasach farpais aig ìre eadar-nàiseanta a bhrosnachadh, leithid cumhachd ath-nuadhachail
  • "Ath-gnìomhasaich" Alba le aire shònraichte air saothrachadh, ùr-ghnàthachadh agus malairt eadar-nàiseanta is leasachadh
  • Ìre as ìsle de caitheamh calpa san roinn phoblaich a stèidheachadh mar àireamh sa cheud de GDP, gus bun-structar agus còmhdhail a bhrosnchadh
  • "Banca Leasachaidh do Ghnìomhachasan Albannach" fhosgladh gus taic a thoirt do chompanaidhean a tha a' fàs
  • Cleachd "lìonra ùr thar chuain de 70-90 ambasaid" gus margaidh às-mhalairt eadar-nàiseanta na h-Alba a bhrosnachadh
  • Cùram-cloinne a leudachadh gus taic a thoirt do phàrantan theaghlaichean òga a dhol a dh'obair
  • Poileasaidh in-imriche atharrachadh gus oileanaich thàlantach eadar-nàiseanta a tha airson cur ri eaconamaidh na h-Alba a ghlèidheadh.

Thuirt John Paul MacHugh, Leas-Rùnaire Choitcheann an Aonaidh-Chiùird Choimhearsnachd, a tha a' cur taic ris an Aonadh: "Tha coltas nach eil na Nàiseantaich a' tuigsinn nach eil creideas sam bith nan iomairt a thaobh na h-eaconamaidh agus obraichean gus am freagair iad aon cheist shìmplidh - dè an t-airgead a bhios againn?

"Gus an cuir na Nàiseantaich Plana B air chois a thaobh airgid, chan urrainn do mhuinntir na h-Alba earbsa a chur nan tagraidhean.

"Tha iad ag iarraidh oirnn ar sàbhalaidhean 's ar peinnseanan, ar cunntasan 's ar morgaidsean, ar màl 's ar tuarastail a chur ann an cunnart ri linn nan tuaimsean acasan."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile