Mòr-chuid airson an Not a chumail

Airgead Image copyright PA
Image caption Tha gach prìomh phàrtaidh aig Westminster a' diùltadh gabhail ri aonadh-airgid.

Tha mòr-chuid de dh'Albannaich den bheachd gum bu chòir do dh'Alba cumail oirre a' cleachdadh an Not ma bhòtas an dùthaich airson neo-eisimeileachd.

Sheall sgrùdadh bliadhnail air beachdan sòisealta na h-Alba gu bheil 68% airson an Not a chleachdadh mar phàirt de dh'aonadh-airgid leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, le dìreach 14% airson airgead fa leth ùr a stèidheachadh.

Cuideachd, tha taic airson neo-eisimeileachd am measg an fheadhainn a ghabh pàirt anns an rannsachadh air èirigh beagan an taca ri 2013.

Ach thuirt 39% gu bheil iad den bheachd gum biodh Alba na bu mhiosa dheth a thaobh ionmhais an dèidh neo-eisimeileachd, suas bho 29% an-uiridh.

Fhuair an luchd-rannsachaidh cuideachd gun robh barrachd mhì-chinnt am measg bhoireannach mu neo-eisimeileachd, le 27% ag ràdh gun robh iad cinnteach mu na thigeadh an cois neo-eisimeileachd, an taca ri 37% de dh'fhireannaich.

'S iad ScotCen Social Research a rinn an rannsachadh, eadar an Cèitean agus an t-Iuchar.

Deasbad telebhisein

Tha sin a' ciallachadh gun deach an rannsachadh a dhèanamh mus do thachair an deasbad telebhisein eadar am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, agus ceannard na h-iomairt Nas Fheàrr Còmhla, Alasdair Darling, ach an dèidh do Sheansalair na Rìoghachd Aonaichte, Seòras Osborne, innse nach gabhadh an còrr den RA ri aonadh-airgid le Alba neo-eisimeileach a thaobh a bhith a' cleachdadh an Not.

Thuirt 74% de na chaidh a cheasnachadh gum biodh iad "gu math dualtach" bhòtadh san referendum air 18mh an t-Sultain, suas bho 61% ann an 2013.

Den fheadhainn a chaidh a cheasnachadh, thuirt 25% gum bhòtadh iad airson neo-eisimeileachd, suas bho 20% an-uiridh, le 43% ag ràdh gum bhòtadh iad na h-aghaidh. Bha 29% gun co-dhùnadh a dhèanamh fhathast.

'S e aonadh-airgid an roghainn as fheàrr leis an Riaghaltas Albannach, ach tha Riaghaltas na RA, agus na prìomh phàrtaidhean aig Westminstear ag ràdh gun diùltadh iad an leithid.

Cha robh ach 8% taiceil ri bhith a' cleachdadh an Not gun aonta, le 14% taiceil ri bhith a' cleachdadh airgid ùir, 6% airson an Euro a chleachdadh, agus 4% mì-chinnteach.

Thuirt 46% gur e an Not, le aonta leis an RA, a bu choltaiche a chleachdadh Alba neo-eisimeileach.

A dh'aindeoin leudachadh ann an taic do neo-eisimeileachd bho 2013, cha robh ach 10% den fheadhainn a chaidh a cheasnachadh den bheachd gum biodh iad "beagan" no "mòran" na b' fheàrr dheth fo neo-eisimeileachd, an taca ri 39% a bha den bheachd gum biodh iad na bu mhiosa dheth.

Bha 39% den bheachd nach dèanadh neo-eisimeileachd diofar do an suidheachadh ionmhasail phearsanta.

Bha barrachd dhaoine den bheachd gum biodh eaconamaidh na h-Alba na bu mhiosa le neo-eisimeileachd - 44% seach 34% ann an 2013.

Boireannaich

Nochd an rannsachadh cuideachd gun robh boireannaich nas dualtaiche na bha fireannaich bhòtadh an aghaidh neo-eisimeileachd.

Bha dìreach 27% de bhoireannaich taiceil do neo-eisimeileachd, an taca ri 39% de dh'fhireannaich. Sin beàrn 12%, an taca ri beàrn de 6% ann an 2013, agus 's e a' bheàrn as motha a fhuaireadh riamh ann an Rannsachadh Bheachdan Sòisealta na h-Alba.

"Anns na seachdainnean mu dheireadh den iomairt, 's e dùbhlan mòr a th' ann a bhith a' tàladh bhòt nam boireannach fhathast, gu h-àraid don iomairt airson neo-eisimeileachd," thuirt Rachel Ormiston, a tha na stiùiriche rannsachaidh aig ScotCen.

"Tha boireannaich air an cur dheth ri linn mì-chinnt, agus chan eil iad cho dualtach a bhith air an tàladh le argamaidean mu "mhoit" agus gràdh dùthcha. Feumaidh boireannaich fhathast freagairtean fhaighinn a dhearbhas gum bi neo-eisimeileachd gu feum na h-eaconamaidh agus cùisean eile.

"Ach, cha bu chòir don iomairt Nas Fheàrr Còmhla a bhith a' gabhail ris gum faigh iad buannachd às an ìre nas ìsle de thaic do neo-eisimeileachd a th' ann am measg bhoireannach - tha cha-mhòr trian de bhoireannaich fhathast gun co-dhùnadh a dhèanamh air mar a bhòtas iad san t-Sultain.

Moiteil

Bha cha-mhòr dàrna leth de dh'Albannaich a chaidh a cheasnachadh, 47%, den bheachd gum fàsadh mòit nàiseanta ann an Alba nan tigeadh neo-eisimeileachd, an taca ri 40% a bha den bheachd nach dèanadh e diofar sam bith, agus dìreach 6% a thuirt gum biodh na bu lugha de mhoit aca às Alba.

Ach bha 38% den bheachd gun lagaicheadh neo-eisimeileachd guth na h-Alba san t-saoghal gach cuid "beagan" no "mòran", an taca ri 33% a bha den bheachd gum biodh e na bu làidire, agus 22% a thuirt nach dèanadh neo-eisimeileachd diofar sam bith.

Bha cuideachd leudachadh beag air faireachdainnean fèin-aithne Breatannach, a rèir an rannsachaidh.

Nuair a chaidh roghainnean eadar-dhealaichte mu an coinneimh, eadar "Albannach 's chan e Breatannach" agus "Breatannach 's chan e Albannach", bha 23% ag ràdh a' chiad rud, an ìre as ìsle aig an robh sin bho 1999, a rèir an rannsachaidh.

Bha barrachd dhaoine na bha bho 1999, 32%, ag ràdh gun robh iad a' cheart cho Albannach 's a bha iad Breatannach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile