Togalach anns an robh murt ga leagail

Thèid an togalach ann an Leòdhas far an deach an deugaire Liam Aitchison a mhurt a leagail gu làr.

Chaidh corp Liam, a bha 16 a dh'aois agus a bhuineadh do dh'Uibhist, a lorg ann an seann togalach ann an Stèinis, faisg air Steòrnabhagh, san t-Samhain 2011.

Thuirt Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean, leis a bheil an togalach, gun tèid a leagail as t-fhoghar às dèidh dhaibh iarrtasan fhaighinn bho mhuinntir an àite.

Chaidh Jonatan MacFhionghain agus Stefan Millar fhaighinn ciontach airson murt Liam agus chaidh an cur dhan phrìosan airson co-dhiù 18 bliadhna ann an 2013.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile