Taic èiginneach nan tuiltean

Rathad an Inbhir Narann Image copyright Inverness Outlanders
Image caption Rinn na tuiltean cron mòr ann an iomadach sgìre. Seo rathad a dh'fhalbh leis an uisge an Inbhir Narann.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun seall iad ri taic-airgid a thoirt do chomhairlean airson an cuideachadh le bhith a' dèiligeadh ris a' chron a rinn tuiltean an t-seachdain seo.

Chuir iad Sgeama Bellwin an sàs an dèidh do Chomhairle Mhoireibh fios a chur thuca.

Bhuail earball Hurricane Bertha Eilginn Diluain agus thàinig air 200 duine an dachannan fhàgail is eagal ann gun deadh Uisge Lòsaidh thairis.

Tha sgeama mòr dìon thuiltean luach £86m ga thogail anns a' bhaile, ach chan eil e deiseil fhathast anns an àite far an deach iarraidh air daoine an taighean fhàgail.

B' fheudar do dhaoine ann an Siorrachd Obar Dheathain an dachannan fhàgail cuideachd, agus chaidh daoine ann an dachaigh-cùraim ann an Hunndaidh a ghluasad gu ospadal.

Image copyright Douglas Keith
Image caption Dalais, air Uisge Lòsaidh, fo uisge.

Thuirt Rùnaire an Ionmhais Iain Swinney gum faca e fhèin an cron a nì tuiltean agus gur e sin an t-adhbhar a chur e Sgeama Bellwin an gnìomh airson ùghdarrasan ionadail a chuideachadh.

Image copyright Reuel Chisholm
Image caption Rathad air tuiteam faisg air Tom an t-Sabhail.

Dh'adhbharraich an t-uisge bho earball Hurricane Bertha an aimsir as fliche den bhliadhna.

Bha 132.6mm de dh'uisge ann an Eilean Fara ann an Sealtainn eadar 10:00m Disathairne agus 10:00m Diluain - mar as trice cha bhi ach 70.3mm de dh'uisge ann fad mìos an Lùnastail.

Chaidh bagannan gainmhich a thoirt do dhaoine a tha faisg air Uisge Spè, Uisge Dè agus Dubh Èireann.

Tha 40 rabhadh an sàs airson tuiltean, agus thathas ag iarraidh air dràibhearan a bhith faiceallach.

Tha cuid de sheirbheisean rèile fhathast dùinte aig na tuiltean cuideachd.

Image copyright Lydia Fiddes
Image caption Rathad dùinte ochd mìle deas air Ulapul.
Image copyright David May
Image caption Eich air an glacadh leis na tuiltean.